Aonadh nan Crùintean

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg

An dèidh do Ealasaid I, Ban-Rìgh Shasainn, bàsachadh gun sliochd, chaidh a crùn is a slat rìoghail a bhuileachadh air Rìgh Seumas VI Alba anns a' bhliadhna 1603, agus 's e Seumas I Shasainn a bh' ann san an uair sin. Bho sin air adhart 's e Rìghrean Breatainn Mòr a bha a' riaghladh. 'S e Aonadh nan Crùintean a their an luchd-eachdraidh ris an tachartas seo, agus beagan còrr is ceud bliadhna às a dhèidh rinneadh Aonadh nam Pàrlamaid eadar riaghaltas Alba is Sasainn agus chaidh an Rìoghachd Aonaichte a stèidheachadh.