Màiri I, Bànrigh na h-Alba

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Màiri Stiùbhart, Ban-rìgh Alba
Mary, Queen of Scots after Nicholas Hilliard.jpg
Rìoghaich i: 14 an Dùbhlachd 1542 – 24 an Iuchair 1567
A' leantainn: Seumas V
Oighre Seumas VI
Chèile-phòsta (1558-1560) Francis II dhen Fhraing (a chaochail òg)

(1565-1567) Eanraig Stiùbhart, am Morair Darnley

(1567 air adhart) Seumas Hepburn, Ceathramh Iarla Bothwell

Taigh Rìoghail Na Stiùbhartaich
Athair Seumas V Alba
Màthair Màiri de Guise
Rugadh i: 8 an Dùbhlachd 1542, Lùchairt Ghleann Iucha, Alba
Eug: 8 an Gearran 1587 (aois 44)

Chaidh a ceann a thoirt dhith aig Caisteal Fotheringay, Sasainn, fo òrdugh a co-ogha Ealasaid I Shasainn

Tiodhlacadh: Cathair Peterborough; chaidh an dust a ghluasad gu Abaid Manachainn an iar

Bha Màiri Stiùbhart na bhoireannach àilleasach, tarraingeach do dh'fhir agus, gu ìre, gu math geur-chùiseach. Ach fhuair i an driod-fhortan a bhith a' riaghladh ann an dùthaich far am faigheadh am fear a bu thapaidh tàire riaghlaidh, agus lean aimhreit is còmhstri i fad a làithean.

Cha robh i ach sia làithean a dh'aois nuair a chaochail a h-athair, Seumas V, le cridhe briste bhathas ag ràdh às dèidh iomruagadh nan Albannach aig Blàr Solway Moss. Cha robh i ach còig bliadhna a dh'aois nuair a chaill na h-Albannaich Blàr aibhiseach Pinkie an aghaidh Arm Shasainn, agus bha aice ri teicheadh dhan Fhraing far an deach a pòsadh ris an Dauphin, Francois; ach chaochail esan òg, na rìgh airson beagan còrr is bliadhna.

Ann an 1561 thill Màiri a dh'Alba, dùthaich a bha mun àm sin ga reubadh eadar Caitligich (an creud san do thogadh Màiri fhèin) agus Pròstanaich, le Iain Knox aig an ceann. 'S e suidheachadh a bha seo a bhiodh glè dhuilich do riaghladair sam bith. Ach bha cùisean na bu mhiosa builich do Mhàiri, a chionn 's gun robh Ealasaid I Shasainn a' sìor-chur bacadh oirre agus i gu math amharasach mun tagairt a bh' aig Màiri do chrùn Shasainn. Chuir i seachad oidhche mu dheireadh ann an Alba san Abaid ann an Dùn Droighnein.[1]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. New Advent