Màiri I, Ban-rìgh na h-Alba
| Màiri Stiùbhart, Ban-rìgh Alba |
|
| Rìoghaich i: | 14 an Dùbhlachd 1542 – 24 an Iuchair 1567 |
| A' leantainn: | Seumas V |
| Oighre | Seumas VI |
| Cèile-phòsda | (1558-1560) Francis II dhen Fhraing (a chaochail òg) (1565-1567) Eanraig Stìubhart, am Morair Darnley |
| Taigh Rìoghail | Na Stiùbhartaich |
| Athair | Seumas V Alba |
| Màthair | Màiri de Guise |
| Rugadh i: | 8 an Dùbhlachd 1542, Lùchairt Linlithgow, Alba |
| Eug: | 8 an Gearran 1587 (aois 44) Chaidh a ceann a thoirt dhith aig Caisteal Fotheringay, Sasainn, fo òrdugh a co-ogha Ealasaid I Shasainn |
| Tiodhlacadh: | Cathair Peterborough; chaidh an dust a ghluasad gu Abaid Manachainn an iar |
Bha Màiri Stiùbhart na bhoireannach àilleasach, tarraingeach do dh'fhir agus, gu ìre, gu math geur-chuiseach. Ach fhuair i an driod-fhortan a bhith a' riaghladh ann an dùthaich far am faigheadh am fear a bu thapaidh tàire riaghlaidh, agus lean aimhreit is còmhstri i fad a làithean.
Cha robh i ach sia làithean a dh'aois nuair a chaochail a h-athair, Seumas V, le cridhe briste bhathas ag ràdh às dèidh iomruagadh nan Albannach aig Blàr Solway Moss. Cha robh i ach còig bliadhna a dh'aois nuair a chaill na h-Albannaich Blàr aibhiseach Pinkie an aghaidh Arm Shasainn, agus bha aice ri tèicheadh dhan Fhraing far an deach a pòsadh ris an Dauphin, Francois; ach chaochail esan òg, na rìgh airson beagan còrr is bliadhna.
Ann an 1561 thill Màiri a dh'Alba, dùthaich a bha mun àm sin ga reubadh eadar Caitligich (an creud san do thogadh Màiri fhèin) agus Pròstanaich, le Iain Knox aig an ceann. 'S e suidheachadh a bha seo a bhiodh glè dhuilich do riaghladair sam bith. Ach bha cùisean na bu mhiosa builich do Mhàiri, a chionn 's gun robh Ealasaid I Shasainn a' sìor-chur bacadh oirre agus i gu math amharasach mun tagairt a bh' aig Màiri do chrùn Shasainn.