Aonadh Rugbaidh

O Uicipeid

'S e seòrsa ball-coise a tha ann an Rugbaidh (Beurla: rugby).

Dùthchannan far a bheil rugbaidh cumanta[deasaich | deasaich an tùs]

Afraga-a-Deas a' cluich an aghaidh Samoa ann an 2007.
A' Ghearmailt an aghaidh na Beilg
An Spàinn an aghaidh na Teicich

Tha e cumanta air feadh na h-Eileanan Breatannach, ach gu h-àraid ann an:

Tha rugbaidh gu math làidir anns na dùthchannan aig a' Cho-Fhlaitheas is na h-eileanan sa Chuan Sèimh, m.e.:

Anns an Fhraing, cluichear ann am Paras agus san taobh-a-deas (m.e.: Dùthaich Bhasgach na Frainge, Provence ⁊c) gu traidiseanta. Cluichear ann an Ròmainia is a' Chairtbheil gu ìre àrd, agus ann an Seapan, Canada, agus mar mìon-spòrs, anns na Stàitean Aonaichte.

Tha làrach bheag eile aig rugbaidh air gach mòr-roinn - m.e. anns an Roinn-Eòrpa taobh-a-muigh na dùthchannan a-nuas; Aimearaga a Deas ann an Tile, Breasail is Uruguaidh; Afraga - mar Costa Ìbhri, Siombabuaidh, Naimibia, Ceinia is Botsuana; Àisia - mar Hong Cong is Dubai agus mar sin air adhart. 'S e fear de na spòrs-bhuidhnean mòr-thaitneach den t-saoghail.

Sgiobannan nàiseanta cudromach[deasaich | deasaich an tùs]

Raon-chluich rugbaidh
Fìdi an aghaidh Canada

Riaghailtean[deasaich | deasaich an tùs]

Scrum
Cuimreach Colin Charvis a' gabhail "oidhirp" neo try an aghaidh Sasainn - tha reacord-an-t-saoghail aig Charvis

Gu bunaiteach, theid dà sgioba an aghaidh a-chèile (aig a bheil 15 duine), agus feumaidh iad sgor math a ghabhail. Tha an raon-chluich dronn-uileannach (rectangular) agus tha na tadhlan mar "H"s.

Tha trì dòighean ann puingean a ghabhail - is iad:

  • "Oidhirp" (try) - 5 puingean, a' cur balla air raon-thadhail den sgioba eile.
  • Breabadh - feumaidh am balla a dhol thairis bar an tadhal. Is urrainnear sin a dhèanamh ann an dà dhòigh -
    • "Iompachadh" (2 phuing, Conversion) - Bidh sin a' tachairt nuair a bhios Oidhirp aig an sgioba, agus bidh fear ga convert bho place kick. Tha an aon rud a' tachairt le peanas na breabaidh (3 puingean - penalty kick).
    • "Tadhal-tagh" (3 puingean, drop goal) - far a bhios fear ga bhreabadh tron uine-chluich.
Balla-rugbaidh

Tha stuth sònraichte eile ann - mar eiseimpleir, tha am balla san cruth mar "ugh", chan eil e cruinn idir; agus cleachdaidh rugbaidh scruman (neo "caigeann", faic an dealbh). Bidh cluicheadairean a' tilg (pass) am balla ris a chèile, ach feumaidh am balla a dhol mu chùlaibh nuair a bhios e ga thilgeil. Tha e toirmisgte airson am balla a thilgeil mu bheulaibh, mar ann am ball-coise Aimearaganach - feumar ga bhreabadh neo ga ghiùlan, ma bhithear ag iarraidh am ball a ghabhail air adhart.

Nuair a thathar air a ghearradh-sìos, feumar a leigeil mu sgaoil am balla. Tha dà rud eile annasach le rugbaidh, sin an scrum neo caigeann, agus an rucas neo ruc. Tha scruman a' tachairt nuair a dh'iarras an rèitear e, agus bidh rucan a' tachairt gu nàdarra. Cuideachd, bidh na "adhairtich" (forwards) a-mhàin a' gabhail scrum, ach is urrainn do chuideigin sam bith a dhèanamh ruc. Bidh an rèitear a' cur scruman air dòigh nuair a bhios peanas ann, neo cluich mi-cinnteach, bidh an reitear a' gabhail am balla gus an scum half aig fear de na sgiobannan.

Nuair a thig am balla a-mach, gheibhear loidhne neo "line out".

Aodach[deasaich | deasaich an tùs]

Tha cluicheadairean a' cur an aon seòrsa brògan is briogaisean orra ri ball-coise (socair), ach tha na lèintean nas tiugha. Bidh cuid den "adhairtich" a' cur ad-scruim air.

Cluicheadairean[deasaich | deasaich an tùs]

EnglishAfrikaansFrenchItalianSpanish (Spain)Spanish (South America)IrishWelsh
PropStutPilierPilonePilar, PilierPilarTacaProp, Rheng flaen
HookerHakkerTalonneurTallonatoreTalonadorHookerCaiteoirBachwr
FlankerFlankTroisième Ligne AileTerza (linea) ala
Flanker
Tercera Línea, FlankerAla, Tercera LíneaTríú LíneBlaenasgellwr
LockSlotDeuxième LigneSeconda LineaSegunda LíneaSegunda LíneaGlas, Dara LíneClo, Ail reng
Number eightAgtsteman (lit. 'eighthman')Troisième Ligne CentreTerza linea media
Terza (linea) centro
Numero 8
Tercera Línea Centro u "Ocho"Octavo, Ocho, Tercera LíneaUimhir a hochtWythwr
Scrum halfSkrumskakel (lit. 'scrum-link')Demi de mêléeMediano di mischiaMedio meléMedio ScrumLeath-chlibirtMewnwr
Fly-halfLosskakel (lit. 'loose-link')Demi d'ouverture, OuvreurApertura
Mediano d'apertura
Apertura, Medio de AperturaApertura, Medio AperturaEitilteoirMaswr
CentreSenterCentreCentro (Primo e Secondo)
Tre quarti centro
Centro (Primero y Segundo)In-side (Primero y Segundo), CentroLár na páirceCanolwr
Wing (Left and Right)VleuelAilierAla
Tre quarti ala
Ala (Izquierda y Derecha)Wing (Izquierdo y Derecho)EiteoirAsgellwr
Full-backHeelagterArrièreEstremoZagueroFullbackLán-chosantóirCefnwr

Sgòradh san eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

Atharrachadh nam puingean
Ùine Oidhirp Iompachadh (Conversion) Peanas (breab) Tadhal-tagh Tadhal bho mark
—1891 1 2 2 3 3
1891—1893 2 3 3 4 4
1893—1905 3 2 3 4 4
1905—1948 3 2 3 4 3
1948—1971 3 2 3 3 3
1971—1977 4 2 3 3 3
1977—1992 4 2 3 3
1992— 5 2 3 3

Faic cuideachd[deasaich | deasaich an tùs]

Tùsan[deasaich | deasaich an tùs]


Commons
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: