Àrainneachd Eachdraidheil Alba
Is e buidheann riaghaltais fo smachd Riaghaltas na h-Alba a th’ ann an Àrainneachd Eachdraidheil Alba (Beurla: Historic Environment Scotland). Is e a dhreuchd àrainneachd eachdraidheil na rìoghachd a ghlèidheadh agus fiosrachadh mu a dheidhinn a sgaoileadh. Tha còrr is 300 làraichean aige air feadh Alba.
Eachdraidh na buidhne
[deasaich | deasaich an tùs]B’ e Alba Aosmhor (Beurla: Historic Scotland) ainm na buidhne aig an robh cùram nan làraichean eachdraidheil ann an Albainn bho 1991 gu 2015. Ach air 1 an Dàmhair 2015 chaidh Alba Aosmhor agus Coimisean Rìoghail nan Làraichean Àrsaidh is Eachdraidheil an Alba (Beurla: Royal Commission on the Ancient and Historical Monuments of Scotland, RCAHMS) a chur còmhla fo sgèith an ainm ‘Àrainneachd Eachdraidheil Alba’, a’ leantainn bile thuige sin ann am Pàrlamaid na h-Alba san Ògmhios 2014.
Làraich
[deasaich | deasaich an tùs]Na h-Eileanan an Iar
[deasaich | deasaich an tùs]Tha sia làraichean aig Àrainneachd Eachdraidheil Alba anns na h-Eileanan an Iar. Is iad:
- An Taigh Dubh, Àrnol
- Tursachan Chalanais
- Caisteal Chiosmuil
- Dùn Chàrlabhaigh
- Eaglais Chliamhain
- Càrn agus Tursachan Steinneaclait
Name |
Image | Notes |
---|---|---|
Cathair-eaglais Mhachair | Làrach Cruistean Cathair-eaglais Mhachair |
Siorrachd Obar Dheathain
[deasaich | deasaich an tùs]Name |
Image | Notes |
---|---|---|
Clach Brandsbutt | Clach shnaighte Chruithneach | |
Caisteal Chorr Gairbh | Taigh-tùir on 18mh linn a th' air a chuairteachadh le balla ann an cruth rionnag | |
Tursachan Chùl Fheàrnalaidh | Tursachan le ochd clachan | |
Taigh-talmhainn na Cùilt | Trannsa fon talamh a th' air a dheagh ghlèidheadh. | |
Abaid Dhèir | Tobhtaichean Mainistir Chisteirseach | |
Taigh Duff | Taigh-mòr Sheòrsach a dheilbh William Adam dhan Iarla Fhìobha | |
Clachan Snaidhte Dheis | Dà chlach Chruithneach | |
Tursachan Easter Aquhorthies | Cearcall tursa sìnte a tha mu 4,000 bliadhna a dh'aois | |
Caisteal Ghleann Buichead | Taigh-tùir | |
Caisteal Hunndaidh | Togalach-còmhnaidh baraineach na thobhta | |
Caisteal Cheann Droma | Caisteal on 13mh linn | |
Eaglais Cheann na Coille | Tobhtaichean de dh'eaglais paraiste on 16mh linn. | |
Taigh-solais Rubha Cheann Àird agus Taigh-tasgaidh | Caisteal on 16mh linn a chaidh chleachdadh ann an 1787 mar thaigh-solais | |
Tursachan Loanhead | Tursachan sìnte | |
Clach na Maighdinn | Leac-croise Chruithneach on 9mh linn | |
Càrn Memsie | Càrn mòr, math dh'aoidhte o Linn an Umha | |
Sonnach Lann Fhionain | Togalach-còmhnaidh | |
Clach nam Piocaradach | Clachan snaighte Chruithneach | |
Eaglais Mhoire, Auchindoir | Eaglais parraiste o na Meadhan Aoisean | |
Uaigh Tharbhais | Leac altarach aig William Forbes | |
Caisteal Tolquhon | Caisteal a thog William Forbes, 7mh Fear Tolquhon, eadar 1584 agus 1589 | |
Tursachan Tom an Aifrinn | Cearcall tursa sìnte a tha mu 4,000 bliadhna a dh'aois |
Name |
Image | Notes |
---|---|---|
Caisteal Obar Dobhair | Caisteal le gàrradh dùinte agus barraidean le tucaid. | |
Abaid Chuileann-Rois | Tobhtaichean mainistir Cisteirseach a stèidhicheadh ann an 1217. | |
Clach Dogton | Clach a bha uair na crois Chruithneach a sheasadh leatha fhèin, 's mathaid às an 9mh linn. | |
Abaid Dhùn Phàrlain | Tha mòran rìghrean agus bàn-rìghrean na h-Alba tìodhlaichte ann an eaglais na h-abaid. | |
Lùchairt Dunfermline Palace | Lùchairt a bha roimh na lùchairt rìoghail Albannach far an do rugadh Teàrlach I ann an 1600. | |
Abaid Innis Choluim | Fearann manachainn agus abaid air Innis Choluim san Linne Foirthe. | |
Caisteal Chreag an Fhithich | Fear de dhùin nan gunnaichean mòra as sine ann an Alba. | |
Tùr Scotstarvit | Ainmeil mar an taigh a bh' aig Sir John Scot. | |
Caisteal Chill Rìmhinn | Am prìomh thaigh-còmhnaidh aig easbaigean agus àrd-easbaigean Chill Rìmhinn. | |
Cathair-eaglais Chill Rìmhinn | Tobhtaichean na h-eaglais as motha agus as mòraile o Alba meadhan-aoiseil. | |
Cill Rìbhinn: Caibeal nam Manach Dubh | Tobhta eaglais nam bràithrean-bochd Doiminiceach a thoghadh mu 1516. | |
Cill Rìmhinn: Eaglais Mhoire, Kirkhaugh | An eaglais cholaisteach as sine an Alba. | |
Cill Rìmhinn: Geata an Ear Chill Rìmhinn | Fear de na geatan bhaile a mhaireas fhathast ann an Alba. | |
Eaglais Bhrìghde, Dealgadaidh | Tobhta eaglais meadhan-aoiseil. |
Name |
Image | Notes |
---|---|---|
Caisteal Crookston | Tobhta caisteil neo-àbhaisteach on 15mh linn. | |
Cathair-eaglais Ghlaschu | Cathair-eaglais a thogadh air an làrach far a creidear gun deach Naomh Ceann Tighearna a thìodhlachadh. |
Gàidhlig aig Àrainneachd Eachdraidheil Alba
[deasaich | deasaich an tùs]Tha Oifigear Gàidhlig agus Plana Gàidhlig[dead link] aig Àrainneachd Eachdraidheil Alba. Tha faclair aca a mhìnicheas facalan sònraichte air an àrainneachd eachdraidheil. Tha goireasan Gàidhlig aca, gu h-àraid follseachaidhean Gàidhlig ann an cruth pdf, torr dhiubh airson clann-sgoile agus tidsearan.
Foillseachaidhean Gàidhlig
[deasaich | deasaich an tùs]Linn na Cloiche
Ròmanaich
- Balla Antonine[dead link] (bileag)
Clachan
- Charraighean Snaidhte Àrsaidh
- Cearcall Cloiche Choille an Teampaill (Temple Wood)
- Carragh Obar Leamhnach (Aberlemno)
- Creag Copan-cearcall Ach nam Breac
Croisean
Caistealan
- Caistealan ann an Alba
- Caisteal Chill Rìmhinn
- Caisteal Cinn Droma[dead link] (Kindrummy)
- Caisteal Corr Garaidh[dead link] (Corgarff)
- Caisteal Creag a’ Mhuilleir (Craigmillar)
- Caisteal Dirleton
- Caisteal an Dùin (Doune)
- Caisteal Hunndaidh (Huntly)
- Caisteal Huntingtower
- Caisteal MhicIllFhaolain (MacLellan’s)
- Caisteal Shruighlea
- Carragh Sueno
- Caisteal Tantallon
- Caisteal Threave
- Caisteal Tolquhon
- Caisteal Urchadain
- Nithean eachdraidheil: Beatha sa chaisteal Meadhan-aoiseil
Daoine is tachartasan, 1500-1750
- Màiri Stiùbhart Banrigh na h-Alba
- Lùchairt Ghleann Iucha (Linlithgow)
- Ar-a-mach nan Seumasach
- Taigh-feachd Ruadhainn (Ruthven)
Nuadh-shìbhealtas
- Lannraig Nuadh[dead link] (bileag)
- Obair-iarainn Steòrnabhaigh
- Cunntas de ghàraidhean is sheallaidhean-tìre dealbhaichte ann an Alba[dead link]
Measgaichte
- An cunntas de dh’Àraichean Eachdraidheil ann an Alba[dead link]
- Dualchas air do Starsaich
- Làraichean Dhualchas na Cruinne ann an Alba[dead link] (bileag)
- Dualchas Cruinneil ann an Alba[dead link] (leabhar-iùil goirid)
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- “Welcome to Canmore”. Àrainneachd Eachdraidheil Alba. Air a thogail 20mh dhen Dàmhair 2018.
- Làrach-lìn Alba Aosmhor (gd)
- Faclair air an àrainneachd eachdraidheil
- ÀEA: Foillseachaidhean sa Ghàidhlig