Vlissingen
Vlissingen
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Na Tìrean Ìsle | ||||
Sgìre | Zeeland | ||||
Co-chomharran | 51° 27 51' Tuath 03° 34 35' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 34.16 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 44,391 (2012) | ||||
Dlùths | 1,299.5/km² | ||||
Àireamh fòn | (+ 31) 0118[1] | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
‘S e baile meadhanach, port[2] agus sgìreachd (Duitsis: gemeente) faisg air Middelburg, air an àirde an ear-dheas nan Tìrean Ìsle a th' ann an Vlissingen (IPA: ˈvlɪsɪŋən, Beurla: Flushing, Fraingis: Flessingue, Spàinntis: Flesinga). Tha e suidhichte air Leth-eilean eadar dà Chaolas: Veerse Weer ann an ceann a tuath agus Westerschelde ann an ceann a deas, ri taobh Inbhir Westerschelde, 5m os cionn ìre na mara,[3] anns an roinn Tìr na Mara (Duitsis: Zeeland), 136km air falbh bho Amsterdam (prìomh-bhaile na dùthcha), 81km bho Rotterdam, 86km bho Den Haag, 152km bho Almere agus 128km bho Utrecht.[4] Chaidh Vlissingen a stèidheachadh 620 agus fhuair e a chuid chòirichean (Duitsis: Stadsrechten) ann an 1315.[5] 'S e am port na bu chudromaiche na dùthcha a bh'ann Vlissingen ri linn Aois an Òir nan Tìrean Ìsle, ged an do chrìonaich a cuid bheartais is cudromachd san 18mh Linn. Bha gnothaichean mar spùinneadaireas, tràilleachd, malairt agus iasgach gu math làidir an seo. Tha 44,391 duine a' fuireach ann.[6]
Rudan ri Fhaicinn
[deasaich | deasaich an tùs]- Beeldenhuis (Taigh nan Ìomhaighean-chloiche)
- Belgische Loodshuizen (taighean nam Màirnealach às A' Bheilg)
- Beursgebouw (Toglach a' Mhargaidh)
- Dokje van Perry (Cidhe Pherry)
- Fontein ter nagedachtenis aan Elisabeth Wolff en Agatha Deken (Tobar-cuimhne do dh' Elisabeth Wolff is Agatha Deken)
- Fort Rammekens (Daingneach Rammekens)[7]
- Garnizoensbakkerij en Kazematten (Taigh-fuine a' Ghearrasdain agus Casamatta)
- Gevangentoren (Tùr a' Phrìosain)
- Grote of Sint-Jacobskerk (Eaglais an Naoimh Sheumais neo Eaglais Mhòr)
- Het Arsenaal (An Arm-lann)
- Hoofdkantoor 'De Schelde' (Prìomh-oifisean 'De Schelde')
- Koopvaardijmonument (Carragh-chuimhne a' Chabhalaich Mharsanta)
- Lampsinshuis (Taigh an Teaghlaich Lampsins)
- Leeuwentrap (Staidhre nan Leòmhain)
- Lutherse kerk (Eaglais Lutaireanach)
- Zeevaartschool (Sgoil Còmhdhail na Mara)
- Standbeeld Michiel de Ruyter (Ìomhaigh-chloiche Mhichiel de Ruyter)
- NS-Station Vlissingen (Stèisean nan Treàna)
- Onze Lieve Vrouwekerk (Ealglais Mhoire)
- Oranjemolen (Am Muileann Orange)[8]
- Plein Vier Winden (Ceàrnag nan Ceithir Gaothan)
- Sardijntoren (Tùr nan Sàrdain)
- Stadhuis Vlissingen (Talla a' Bhaile)
- Timmerfabriek (Taigh-gnìomhachais a' Bhrait-ùrlair)
- Watertoren (Tùr an Uisge)
- Willem III Kazerne (Gearasdan Uilleam III)
- Windorgel (Òrgan na Gaoithe)
- Wooldhuis (Taigh Woold)
- Zeemanserve (Cornelia Quackshofje) (Àite-fuireach nam Maraichean)
Bailtean Co-cheangailte
[deasaich | deasaich an tùs]- Ambon[9]
- Govan Mbeki
- Taganrog
Daoine Ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]- Michiel de Ruyter (1607 - 1676): Àrd-mharaiche.
- Constantin Guys (1802 - 1892): Peantair.[10]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Utopia
- ↑ Zeeland Seaports
- ↑ Mongabay
- ↑ Distance Calculator
- ↑ Holland History
- ↑ Centraal Bureau voor de Statistiek
- ↑ Fort Rammekens
- ↑ Molendatabase
- ↑ DB City
- ↑ RO Gallery