Jump to content

Varberg

O Uicipeid
Varberg
Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich An t-Suain
Ceàrn Halland
Sgìre Hallands län
Co-chomharran 57° 06 32′ Tuath
12° 15 01′ Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 13.35 km²
Àireamh-shluaigh 27,602 (2010)
Dlùths 2,067.57/km²
Àireamh fòn (+46) 0340
Duilleag oifigeil http://www.varberg.se/

‘S e baile meadhanach agus port ann an ceann a deas na Suaine a th’ ann an Varberg. Tha e suidhichte eadar Halmstad agus Göteborg, faisg air an leth-eilean Getterön - a bha na eilean gu ruige 1936 - ri taobh na Kattegat, san sgìre Hallands län,[1] 421km air falbh bho Stockholm, 438km bho Uppsala agus 1,078km bho Luleå. Tha 27,602 duine a' fuireach ann.[2] Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1062.

Freumhan an ainm

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha e coltach gur ann à dà fhacal ann an Lochlannais: vård (faire) agus bœrgh (dùn) a tha an t-ainm.[3] Bheireadh sin Dùn na Faire dhuinn sa Ghàidhlig agus Wardburgh ann am Beurla Ghallta an latha an-diugh.

Bha cath-mara ann, air an robh Cath Niså, thar na costa an seo ann an 1062, eadar rìghrean na Danmhairge agus Nirribhidh.[4] Chaidh am baile fhèin a chlàradh airson a' chiad turais ann an 1343 mar villa Getakir.[5] Thogadh daingneachadh air an dùn mu 1280, mar phàirt sreath dhìona air a' chosta. Ghluaiseadh meadhan a' bhaile dhan àite far a bheil e an latha an-diugh mu 1400, nuair a bha trioblaid mhòr ann leis an t-Suain, a bheireadh ionnsaigh daonnan air Varberg. Bha an seo bho 1462 gu ruige An Ath-Leasachaidh ann an 1531. Ann a 1645 thug an t-Suain seilbh air Varberg mar phàirt a' Chòrdaidh Bhrömsebro. Chaidh am baile na smàl ann an 1666. Dh'fhàs am baile bho 1880 a-mach air sàilleabh gu robhar a' togail taighean-gnìomhachais faisg air an rèile gu Borås.[6]

Daoine ainmeil

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Michelin
  2. SCB
  3. Runeberg
  4. Store Norske Leksikon
  5. Blom, Lennart (redaktör) (1993). Varberg: en kommuns historia. Varberg: Varbergs kommun. Libris 7449236. ISBN 91-630-1470-X
  6. Danielson, Hilding (1930). Varberg-Borås järnväg: minnesskrift på uppdrag av järnvägsbolagets styrelse utarb. Göteborg: O. Isacson. Libris 8218636
  7. IMDB

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]