Halmstad

O Uicipeid
Halmstad
Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich An t-Suain
Ceàrn Halland
Sgìre Hallands län
Co-chomharran 56° 40 00′ Tuath
12° 51 00′ Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 34.13 km²
Àireamh-shluaigh 58,577 (2010)
Dlùths 1,716.29/km²
Àireamh fòn (+46) 035
Duilleag oifigeil http://www.halmstad.se/

‘S e baile meadhanach agus port ann an ceann a deas na Suaine a th’ ann an Halmstad (IPA: halmsta). Tha e suidhichte eadar Göteborg agus Helsingborg, aig Inbhir na h-aibhne Nissan, far a shruthas i dhan Kattegat, san sgìre Hallands län,[1] 426km air falbh bho Stockholm, 451km bho Uppsala agus 1,107km bho Luleå. Tha 58,577 duine a' fuireach ann.[2] Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1307.

Freumhan an ainm[deasaich | deasaich an tùs]

Tha e coltach gur ann à dà fhacal ann an Suainis: halmr (feur) agus stad (baile) a tha an t-ainm.[3] Bheireadh sin Baile an Fheòir dhuinn sa Ghàidhlig an latha an-diugh.

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turais ann an 1231 mar Halmstæde.[4] Fhuair Halmstad - a bha beagan na b' fhaide shuas na h-aibhne na tha e a-nis - a chuid chòirichean a thaobh chìsean agus malairt bho Rìgh na Danmhairge ann an 1307. Ghluaiseadh meadhan a' bhaile dhan àite far a bheil e an latha an-diugh mu 1320, le cead bhon Phàp, nuair a bha trioblaid mhòr ann leis An t-Suain, a bheireadh ionnsaigh daonnan air Halmstad. Eadar 1400 agus 1530 b' ann ann an Halmstad a rèiteachadh cò a bhiodh na Rìgh air an Aonadh Kalmar. Thog an Rìgh Christian den Fjerde ballachan-dìona an seo. Chaidh am baile na smàl ann an 1619. Ann a 1645 thug an t-Suain seilbh air Halmstad. Dh'fhàs am baile fad an 19mh Linn air sàilleabh gu robhar a' togail taighean-gnìomhachais.[5]

Daoine ainmeil[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Michelin
  2. SCB
  3. Runeberg
  4. Nilsson, Sven A., (1968). Halmstads historia. Del 1, Den danska tiden. Halmstads stads historiekommtté. Libris 419680
  5. Bengtsson, Henry (1994). Halmstads industrihistoria del 1. Halmstad: Föreningen Gamla Halmstad. ISBN 91-630-2931-6
  6. IMDB

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]