Per Gessle
Coltas
'S e seinneadair agus ceòladair às an t-Suain a th' ann am Per Håkan Gessle (IPA: pɛːr ˈɡɛs.ˈlɛ, Halmstad, 12 am Faoilleach 1959).[1] Tha e ainmeil taobh a-muigh na dùthcha aige airson a chuid obrach ann an co-bhann ri Marie Fredriksson ann an Roxette, a bharrachd air na rinn e ann an Lochlann leis a' chòmhlan-ciùil Gyllene Tider (Àm an Òir) bho 1976 a-mach. 'S e esan a sgrìobhas na h-òrain ann an dà chòmhlan. Tha e air a bhith an lùib ciùil san dùthaich aige fhèin fad a bheatha.[2]