Uicipeid:Pròiseact Uicipeidiche
For information in English
Anns an Fhaoilleach 2017, thòisich pròiseact leasachaidh gus Uicipeid, Wikipedia na Gàidhlig a leasachadh. Tha Leabharlann Nàiseanta na h-Alba, Bòrd na Gàidhlig agus Wikimedia UK a' cur taic ris a' phròiseact leis an dreuchd Uicipeidiche na Gàidhlig a chruthachadh. Bidh an Uicipeidiche ag obair pàirt-ùine fad bliadhna. Lìbhrigidh an Uicipeidiche bùithean-obrach agus tachartasan tro mheadhan na Gàidhlig gus luchd-labhairt na Gàidhlig a chuideachadh le bhith deasachadh Uicipeid. Obraichidh Susan Ross còmhla ris a' choimhearnsachd Uici gu dlùth gus aontachadh air na prìomh rudan ri leasachadh rè a' phròiseict agus taic a thoirt dhaibh gus barrachd susbaint a chur ris an Uici.
Gheibhear fiosrachadh air an duilleag seo air an iomairt fhad's a thèid e air adhart. Ma tha ùidh agad a bhith an sàs anns a' phròiseact, nach cuir thu fios dhan Uicipeidiche, Susan Ross.
Amasan a' Phròiseict
[deasaich an tùs]Leis a' phròiseact seo, thathas ag iarraidh Uicipeid a leasachadh agus leudachadh. Thèid daoine a bhrosnachadh le bhith tabhann barrachd taic agus cothroman do luchd na Gàidhlig pàirt a ghabhail ann. Bheir Uicipeid dhaibh an cothrom gus an cuid sgilean sgrìobhaidh a neartachadh taobh a-muigh na sgoile ann an àite far a bheil coimhearsnachd taiceil ann. Aig an aon àm, sgaoilidh am pròiseact fiosrachadh mu na Gàidheil; an eachdraidh agus an dualchas. Tha Uicipeid a' togail goireas maireannach a bhios a' ceangal luchd na Gàidhlig ann an 21mh linn.
Bidh an Uicipeidiche a' cruthachadh ghoireasan-teagaisg agus duilleagan-iùil a bhios ag innse do dhaoine mar a dheasaicheas Uicipeid. Leasaichidh duilleagan an Uicipeid le tachartasan deasachaidh air cuspairean sònraichte. Bidh an Uicipediche ag obair le comainn, buidhnean coimhearsnachd agus luchd-labhairt a tha air loidhne gus bùithean-obrach a chur air dòigh.
Ciamar a thòisicheas mi air Uicipeid?
[deasaich an tùs]- Cruthaich cunntas
- Leugh an Ro-ràdh air na th' ann an Uicipeid
- Thoir sùil air Briathrachais Uicipeid
- Leugh na duilleagan Cobhair a bheir stiùireadh airson toiseach tòiseachaidh.
Tha geama air loidhne a bhios a’ teagasg deasachadh Uici dhut cuideachd - Wikipedia Adventure. Tha e ann am Beurla an-dràsta ach bidh barrachd stuthan ionnsachaidh a’ nochdadh air Uicipeid mar a thèid obair an Uicipeidiche air adhart.
Tachartasan & Bùithtean-obrach
[deasaich an tùs]Tachartasan & Bùithtean-obrach air faire
[deasaich an tùs]Cuiridh an Uicipeidiche air dòigh prògram de thachartasan gus daoine ùra a thrèanadh agus susbaint a leudachadh. Gu sònraichte, nithear
- bùithtean-obrach trèanaidh
- edit-a-thon
Ma tha beachd agad air tachartas anns am biodh ùidh agad (le buidheann anns a bheil thu an sàs, no san sgìre agad), cuir fios gu Susan Ross air an duilleag deasbaireachd.
Tachartasan & Bùithtean-obrach
[deasaich an tùs]Tachartas | Ceann-latha | Uair | Làrach & Àite | Beàrnan | Fosgailte dhomh? |
---|---|---|---|---|---|
Bùth-obrach tòiseachaidh aig Fèis a' Mhòid, Mòd Dhùn Èideann |
Disathairne 13 Cèitean 2017 |
feasgar (uair ri aontachadh) | Bun-sgoil Taobh na Pàirce, Dùn Èideann | 10 | Daoine le Gàidhlig aig a h-uile ìre |
Bùth-obrach tòiseachaidh aig Latha Gàidhlig Craoibh |
Disathairne 27 Cèitean 2017 |
10.30 & 1.30 |
Strathearn Community Campus, Pittenzie Rd,Craoibh, PH7 3JN | 10 | Daoine le Gàidhlig aig a h-uile ìre Cuir d' aimn sìos aig tinyurl.com/StrathearnWiki |
Bùth-obrach tòiseachaidh aig An Tosgan |
Dimàirt 1 Lùnastal 2017 |
3f | An Tosgan, Steòrnabhagh | 12 | Luchd-obrach aig An Tosgan |
Bùth-obrach tòiseachaidh aig Leabharlann Steòrnabhaigh |
Diardaoin 3 Lùnastal 2017 |
5.30-7f | Leabharlann Steòrnabhaigh, Steòrnabhagh | 10 | Daoine le Gàidhlig aig a h-uile ìre Cuir d' aimn sìos aig tinyurl.com/UicipeidStornoway |
Bùthan-obrach tòiseachaidh aig Sabhal Mòr Ostaig |
14-18 Lùnastal 2017 | Àrainn Ostaig, Sabhal Mòr Ostaig | - | Daoine sam bith | |
Latha Uicipeid aig an Toradh www.toradh.org |
Disathairne 29 Lùnastal 2017 |
1-5f | Sgoil Lionacleit, Uibhist | 15 | Fosgailte do dhaoine le Gàidhlig aig a h-uile ìre Clàradh aig duilleag an tachartais |
Bùth-obrach air Muile | Disathairne 16 Sultain 2017 |
12-4f | An Roth, Creag an Iubhair, Muile | 12 | Fosgailte do dhaoine le Gàidhlig aig a h-uile ìre Thoir leat laptop |
Bùth-obrach tòiseachaidh aig Fèill Fhiobha |
Disathairne 30 Sultain 2017 |
11.30 & 1.30 |
Lomond Centre,Gleann Rathais | Tachartasan ann am Beurla/Gàidhlig. Bidh coimpiutairean ann. | |
Latha Uicipeid a' Mhòid | Disathairne 14 Dàmhair 2017 |
10.30m-4.00f | Taigh-òsta Alexandra An Gearasdan |
20 | Eachdraidh Loch Abar Thoir leat laptop Clàradh air duilleag an tachartais |
Latha Uicipeid a' Mhòid | Diciadain 18 Dàmhair 2017 |
10.30m-4.00f | Taigh-òsta Alexandra An Gearasdan |
20 | Òrain Ghàidhlig agus Eachdraidh a' Mhòid Thoir leat laptop Clàradh air duilleag an tachartais |
Latha Uicipeid aig Seachdain na Gàidhlig http://seachdainnagaidhlig.com/ |
Disathairne 28 Dàmhair 2017 |
10.30-4.30 | Oilthigh Dhùn Èideann | Fosgailte do dhaoine le Gàidhlig aig a h-uile ìre Clàradh air duilleag an tachartais |
Goireasan
[deasaich an tùs]Cùl-fhiosrachadh
[deasaich an tùs]Uicipeid
[deasaich an tùs]Chuireadh Uicipeid air dòigh ann an 2004. On àm sin, tha iomadh cleachdaiche agus deasaiche air cur ris an Uici agus a-nise, tha còrr is 14,000 aistean ann air iomadach cuspair; reul-eòlais, bàird, eòin, luchd-poiliteags agus iomadh rud eile.
Wikipedian-in-Residence
[deasaich an tùs]Anns an Rìoghachd Aonaichte, tha Uicipedichean, no Wikimedians air mhuinntireas, air a bhith ann bho 2011. Ann an 2017, tha 5 pròiseactan a' ruith: aig Oilthigh Dhùn Èideann, an Leabharlann Bodleian, an Leabharlann Wellcome ann an Lunnainn, an t-Urras Hypatia, agus aig Leabharlann Nàiseanta na Cuimrigh. Mar is tric, bidh an Wikimedian a' togail cheanglaichean eadar buidheann oifigeil agus na pròiseactan Wiki. Bidh an dreuchd aig an Uicipeidiche eadar-dhealaichte ann an dòigh 's gum bi an Uicipeidiche a' sireach cheangalaichean a thogail eadar luchd na Gàidhlig agus Uicipeid. Aig an aon àm, 's e tosgaire airson an Leabharlann Nàiseanta a bhios ann cuideachd leis gu bheil goireasan eachdraidheil ann an Gàidhlig aig an Leabharlann a tha feumail mar thùsan ann an aistean an Uici.
Anns na Naidheachdan
[deasaich an tùs]- Pìos Naidheachd mun dreuchd Uicipeidiche a lìonadh aig NLS. An Dàmhair 2016
- A’ sireadh Uicipeidiche, fios naidheachd aig NLS. An Dàmhair cuir fios gu Susan Ross aig susan.ross@nls.uk no fàg teachdaireachd air an duilleag deasbaireachd.2016
- (en) Blog mun dreuch aig Wikimedia UK
Aithisgean
[deasaich an tùs]Thèid aithisg a chur gu Wikimedia UK a h-uile mìos. Lorgar iad air dreach Beurla na duilleig seo.
Leig Fios
[deasaich an tùs]Ma tha thu ag iarraidh tuilleadh fiosrachaidh fhaighinn mu thachartasan a’ phròiseict aon uair ’s gun cuireadh air dòigh iad,