Uicipeid:Ro-ràdh

O Uicipeid

Dè a th' ann an Uicipeid?[deasaich an tùs]

'S e Uicipeid leabhar-eòlais saor air loidhne a thèid a sgrìobhadh leis na daoine a tha ga chleachdadh.

Na Còig Colbhan[deasaich an tùs]

‘S e bun-stèidh a h-uile Uicipeid còig colbhan ris an gabh a h-uile duine. 'S iad:

Leabhar-eòlais[deasaich an tùs]

‘S e leabhar-eòlais a th’ ann an Uicipeid. Chan e gin de na rudan a leanas a th’ ann

  • faclair
  • blog
  • pàipear-naidheachd
  • fòram
  • àite airson sanasan-reic
  • àite airson beachdan pearsanta no argumaidean a sgaoileadh (faic Colbh 4 - Modh ).

Sealladh neo-thaobhach[deasaich an tùs]

Tha Uicipeid a’ tabhann sealladh neo-thaobhach: 's e fiosrachadh a ghabhas a dhearbhadh seach beachdan pearsanta a bhios ann. Faodaidh tu iomradh a thoirt air beachdan dhaoine eile air cuspair cho fad 'sa bhios e soilleir gur e beachd a th’ ann agus cò aig a bheil am beachd ud. Mar eisimpleir am beachd a bh' aig Uilleam MacBhàtair air bàrdachd Alasdair MhicGriogair.

Ma sgrìobhas tu air cuspair connspaideach, feuch gach taobh air a’ chuspair a shealltainn gu cothromach gus am bi fios aig an leughadair air eachdraidh a’ chonnspaid. Thoir an aire air tùsan earbsach a chur ris an aiste cuideachd. Airson eisimpleir, faic na diofar bheachdan air a' bhuaidh a bh' aig Achd na Croitearachd (1886).

Susbaint a tha saor ri leughadh[deasaich an tùs]

Tha an susbaint a th’ air Uicipeid saor ri fhaicinn air an eadar-lìn don h-uile duine. Faodar cuideachd an susbaint (sgrìobhadh, dealbhan, msaa) a chleachdadh, atharrachadh gu cruth eile agus sgaoileadh - cho fad ’s a bhios ceangal URL ann dhan aiste Uicipeid às an tàinig e. Ma sgrìobhas tu teacs ma chuireas tu dealbh no dad sam bith air Uicipeid, chan eil copyright agad tuilleadh air an susbaint sin. Tha cead aig duine sam bith susbaint Uicipeid a leigeil mu sgaoil fo chùmhnantan Creative Commons Attribution-ShareAlike 3.0 (ron 15mh Iuchar 2009 fon Chead GNU Aithriseachd Saor). Sgrìobh na h-aistean leat fhèin. Na dèan “copy and paste” idir, idir. Ge be mas e à duilleagan làrach-lìn, leabhraichean no bho aistean eile a th' annta, mar is trice tha iad fo ‘copyright’.

Spèis, Modh agus Aonta[deasaich an tùs]

Thathas an dùil ri co-obrachadh eadar cleachdaichean a tha stèidhichte air spèis agus modh do chleachdaichean eile. Mura h-eil thu ag aontachadh le rudeigin a chì thu, cleachd an duilleag deasbaireachd a th' aig gach duilleag airson aonta fhaighinn agus còmhstri a rèiteachadh. Leis gu bheil a h-uile duine a bhios ag obair air Uicipeid a’ cur tìde agus oidhirp a-steach, thoir an aire gun toir thu spèis dhaibh mar a dh’iarradh tu fhèin bhuapa. Bi foighidneach le cleachdaichean eile - cuimhnich gu bheil daoine ann a bhios a’ fàs eòlach air dòighean Uicipeid fhathast agus 's dòcha le laigsean a thaobh comas sa Ghàidhlig.

Thèid cleachdaichean a bhacadh bho Uicipeid ma tha iad mì-mhodhail do chleachdaichean eile gu tric.

Faodar còmhstri a rèiteachadh le bhith modhail, gun chaothach agus gun a bhith toirt slaic do chleachdaichean eile.

‘Riaghailtean’ sùbailte[deasaich an tùs]

Chan eil gin de na riaghailtean no poileasaidhean ann nach gabh atharrachadh ma tha aonta ann le mòr-chuid na coimhearsnachd.

Tuilleadh Fiosrachaidh[deasaich an tùs]

Airson fios mu obrachadh Uicipeid faic