Jump to content

Uicipeid:Pròiseact Uicipeidiche

O Uicipeid

For information in English

Anns an Fhaoilleach 2017, thòisich pròiseact leasachaidh gus Uicipeid, Wikipedia na Gàidhlig a leasachadh. Tha Leabharlann Nàiseanta na h-Alba, Bòrd na Gàidhlig agus Wikimedia UK a' cur taic ris a' phròiseact leis an dreuchd Uicipeidiche na Gàidhlig a chruthachadh. Bidh an Uicipeidiche ag obair pàirt-ùine fad bliadhna. Lìbhrigidh an Uicipeidiche bùithean-obrach agus tachartasan tro mheadhan na Gàidhlig gus luchd-labhairt na Gàidhlig a chuideachadh le bhith deasachadh Uicipeid. Obraichidh Susan Ross còmhla ris a' choimhearnsachd Uici gu dlùth gus aontachadh air na prìomh rudan ri leasachadh rè a' phròiseict agus taic a thoirt dhaibh gus barrachd susbaint a chur ris an Uici.

Gheibhear fiosrachadh air an duilleag seo air an iomairt fhad's a thèid e air adhart. Ma tha ùidh agad a bhith an sàs anns a' phròiseact, nach cuir thu fios dhan Uicipeidiche, Susan Ross.

Amasan a' Phròiseict

[deasaich an tùs]

Leis a' phròiseact seo, thathas ag iarraidh Uicipeid a leasachadh agus leudachadh. Thèid daoine a bhrosnachadh le bhith tabhann barrachd taic agus cothroman do luchd na Gàidhlig pàirt a ghabhail ann. Bheir Uicipeid dhaibh an cothrom gus an cuid sgilean sgrìobhaidh a neartachadh taobh a-muigh na sgoile ann an àite far a bheil coimhearsnachd taiceil ann. Aig an aon àm, sgaoilidh am pròiseact fiosrachadh mu na Gàidheil; an eachdraidh agus an dualchas. Tha Uicipeid a' togail goireas maireannach a bhios a' ceangal luchd na Gàidhlig ann an 21mh linn.

Bidh an Uicipeidiche a' cruthachadh ghoireasan-teagaisg agus duilleagan-iùil a bhios ag innse do dhaoine mar a dheasaicheas Uicipeid. Leasaichidh duilleagan an Uicipeid le tachartasan deasachaidh air cuspairean sònraichte. Bidh an Uicipediche ag obair le comainn, buidhnean coimhearsnachd agus luchd-labhairt a tha air loidhne gus bùithean-obrach a chur air dòigh.

Ciamar a thòisicheas mi air Uicipeid?

[deasaich an tùs]
  1. Cruthaich cunntas
  2. Leugh an Ro-ràdh air na th' ann an Uicipeid
  3. Thoir sùil air Briathrachais Uicipeid
  4. Leugh na duilleagan Cobhair a bheir stiùireadh airson toiseach tòiseachaidh.

Tha geama air loidhne a bhios a’ teagasg deasachadh Uici dhut cuideachd - Wikipedia Adventure. Tha e ann am Beurla an-dràsta ach bidh barrachd stuthan ionnsachaidh a’ nochdadh air Uicipeid mar a thèid obair an Uicipeidiche air adhart.

Tachartasan & Bùithtean-obrach

[deasaich an tùs]

Tachartasan & Bùithtean-obrach air faire

[deasaich an tùs]

Cuiridh an Uicipeidiche air dòigh prògram de thachartasan gus daoine ùra a thrèanadh agus susbaint a leudachadh. Gu sònraichte, nithear

  • bùithtean-obrach trèanaidh
  • edit-a-thon

Ma tha beachd agad air tachartas anns am biodh ùidh agad (le buidheann anns a bheil thu an sàs, no san sgìre agad), cuir fios gu Susan Ross air an duilleag deasbaireachd.

Tachartasan & Bùithtean-obrach

[deasaich an tùs]
Tachartas Ceann-latha Uair Làrach & Àite Beàrnan Fosgailte dhomh?
Bùth-obrach tòiseachaidh
aig Fèis a' Mhòid, Mòd Dhùn Èideann
Disathairne
13 Cèitean 2017
feasgar (uair ri aontachadh) Bun-sgoil Taobh na Pàirce, Dùn Èideann 10 Daoine le Gàidhlig aig a h-uile ìre
Bùth-obrach tòiseachaidh
aig Latha Gàidhlig Craoibh
Disathairne
27 Cèitean 2017
10.30 &
1.30
Strathearn Community Campus, Pittenzie Rd,Craoibh, PH7 3JN 10 Daoine le Gàidhlig aig a h-uile ìre
Cuir d' aimn sìos aig tinyurl.com/StrathearnWiki
Bùth-obrach tòiseachaidh
aig An Tosgan
Dimàirt
1 Lùnastal 2017
3f An Tosgan, Steòrnabhagh 12 Luchd-obrach aig An Tosgan
Bùth-obrach tòiseachaidh
aig Leabharlann Steòrnabhaigh
Diardaoin
3 Lùnastal 2017
5.30-7f Leabharlann Steòrnabhaigh, Steòrnabhagh 10 Daoine le Gàidhlig aig a h-uile ìre
Cuir d' aimn sìos aig tinyurl.com/UicipeidStornoway
Bùthan-obrach tòiseachaidh
aig Sabhal Mòr Ostaig
14-18 Lùnastal 2017 Àrainn Ostaig, Sabhal Mòr Ostaig - Daoine sam bith
Latha Uicipeid aig an Toradh
www.toradh.org
Disathairne
29 Lùnastal 2017
1-5f Sgoil Lionacleit, Uibhist 15 Fosgailte do dhaoine le Gàidhlig aig a h-uile ìre
Clàradh aig duilleag an tachartais
Bùth-obrach air Muile Disathairne
16 Sultain 2017
12-4f An Roth, Creag an Iubhair, Muile 12 Fosgailte do dhaoine le Gàidhlig aig a h-uile ìre
Thoir leat laptop
Bùth-obrach tòiseachaidh
aig Fèill Fhiobha
Disathairne
30 Sultain 2017
11.30 &
1.30
Lomond Centre,Gleann Rathais Tachartasan ann am Beurla/Gàidhlig.
Bidh coimpiutairean ann.
Latha Uicipeid a' Mhòid Disathairne
14 Dàmhair 2017
10.30m-4.00f Taigh-òsta Alexandra
An Gearasdan
20 Eachdraidh Loch Abar
Thoir leat laptop
Clàradh air duilleag an tachartais
Latha Uicipeid a' Mhòid Diciadain
18 Dàmhair 2017
10.30m-4.00f Taigh-òsta Alexandra
An Gearasdan
20 Òrain Ghàidhlig agus Eachdraidh a' Mhòid
Thoir leat laptop
Clàradh air duilleag an tachartais
Latha Uicipeid aig Seachdain na Gàidhlig
http://seachdainnagaidhlig.com/
Disathairne
28 Dàmhair 2017
10.30-4.30 Oilthigh Dhùn Èideann Fosgailte do dhaoine le Gàidhlig aig a h-uile ìre
Clàradh air duilleag an tachartais

Goireasan

[deasaich an tùs]

Cùl-fhiosrachadh

[deasaich an tùs]

Chuireadh Uicipeid air dòigh ann an 2004. On àm sin, tha iomadh cleachdaiche agus deasaiche air cur ris an Uici agus a-nise, tha còrr is 14,000 aistean ann air iomadach cuspair; reul-eòlais, bàird, eòin, luchd-poiliteags agus iomadh rud eile.

Wikipedian-in-Residence

[deasaich an tùs]

Anns an Rìoghachd Aonaichte, tha Uicipedichean, no Wikimedians air mhuinntireas, air a bhith ann bho 2011. Ann an 2017, tha 5 pròiseactan a' ruith: aig Oilthigh Dhùn Èideann, an Leabharlann Bodleian, an Leabharlann Wellcome ann an Lunnainn, an t-Urras Hypatia, agus aig Leabharlann Nàiseanta na Cuimrigh. Mar is tric, bidh an Wikimedian a' togail cheanglaichean eadar buidheann oifigeil agus na pròiseactan Wiki. Bidh an dreuchd aig an Uicipeidiche eadar-dhealaichte ann an dòigh 's gum bi an Uicipeidiche a' sireach cheangalaichean a thogail eadar luchd na Gàidhlig agus Uicipeid. Aig an aon àm, 's e tosgaire airson an Leabharlann Nàiseanta a bhios ann cuideachd leis gu bheil goireasan eachdraidheil ann an Gàidhlig aig an Leabharlann a tha feumail mar thùsan ann an aistean an Uici.

Anns na Naidheachdan

[deasaich an tùs]

Aithisgean

[deasaich an tùs]

Thèid aithisg a chur gu Wikimedia UK a h-uile mìos. Lorgar iad air dreach Beurla na duilleig seo.

Leig Fios

[deasaich an tùs]

Ma tha thu ag iarraidh tuilleadh fiosrachaidh fhaighinn mu thachartasan a’ phròiseict aon uair ’s gun cuireadh air dòigh iad,