Uicipeid:Deasg cobhair

O Uicipeid
Jump to navigation Jump to search


Failte do'n Deasg cobhair! Seo an làrach a dh'fhaighneachd ceistean mu dheidhinn a'Wikipedia agus cobhair a dh'iarraidh le duilgheadasan deasaicheidh is a leithid.

Cur a'cheist agaibh an seo.

Ciamar?[deasaich an tùs]

An urrainn do neach sam bith innis rium ciamar a chuireas mi bonn (link) ur a-steachd air slabhraidh nan cuspair?

i.e. Ma bhualas tu air "Matamataig" lorgar bonn "cruinne" foidhpe, ma bhualas tu air "cruinne" gheibh thu alt air a' chuise (agus bonn neo dha anns an alt).

Tha mi ag iarraidh a dheanamh a h-aon rud fo "innleadaireachd" oir se chuspair farsuinneachd a tha ann a bheanailteas air feallsanachd nadur, air matamataig agus uaireigean air saidheansean eile...

Ach 's e clutz a th'annam air taobh compiutaireachd agus chan eil fios agam ciamar a chuir "bonn" a-steachd mus an cruthaich mi duilleag ur.....cuidichinn am proiseachd seo nan cuidicheadh cuideigin mise!!!

Peadar Ó Donnghaile

A'Pheadar, Briog air "Deasaich an duilleag seo" (air duilleag na h-aiste sin). Anns a bhocsa a gheibh sibh, sgriobh na tha thu ag iarraidh far a bheil thu ga iarraidh.

Mar eiseimpleir, cuir (aite sam bith san aiste):

Ann an [[Alba]], se innleadair-thogalach a nì [[Togalach | togalaichean]].

Sgriobh teacsa ceart mar sin; na cuir direach liosta dornais mar a tha san aiste "Matamataig" - sin droch mhodh.

Briog air "roi-shealladh" agus chi thu nise gu bheil dornais ris an aiste air Alba, agus te ri aiste air togalaichean (nach deach a sgriobhahd fhathast). Se ainm an aiste sin "Togalach" ach tha "togalaichean" sgriobhte. Chi thu seo:

Ann an Alba, se innleadair-thogalach a nì togalaichean.

Briog aig a'phutan "Sàbhail", agus sin agad e. Eoghan 23:28, 4 Jan 2005 (UTC)


Agus rud no dha eile: Sgriobh ~~~~ as deidh gach teachdaireachd. Tionndaidh am bathar-bog wiki sin gu dornais ris an duilleig-cleachdair agad comhla ris a'cheann-latha. Dean "roi-shealladh" is chi thu na tha mi a'ciallachadh.

Sin, bu choir dhuit rud beag a sgriobhadh air an duilleig-cleachdair agadsa.

Agus, mu dheireadh, sgriobh rudeigin air Wikipedia:Leabhar-aistridh nan cleachdair ùra. Eoghan 22:48, 5 Jan 2005 (UTC)