Tarsus

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Tarsus
KüçükMinareMosqueTarsus.JPG
Mersin location Tarsus.svg
Suidheachadh
Dùthaich Flag of Turkey.svg An Tuirc
Ceàrn Tarsus Belediyesi
Sgìre Mersin İli
Co-chomharran 36° 55 00' Tuath
34° 54 00' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 2,019 km²
Àireamh-shluaigh 323,961 (2017)
Dlùths 160.46/km²
Àireamh fòn + 616
Duilleag oifigeil https://www.tarsus.bel.tr

'S e baile agus sgìreachd (Turcais: belediye) ann an ceann a deas Poblachd na Tuirce a th' ann an Tarsus (Arabais: طَرَسُوس, Airmeanianais: Տարսոն, Eabhra: תרשיש, Greugais: Ταρσός). Tha Tarsus suidhichte faisg air Mersin, eadar Antalya agus Adana san roinn (Turcais: ili) Mersin, aig inbhir na h-Aibhne Berdan, aig 23m os cionn ìre na mara. Tha 323,961 duine a' fuireach ann.[1] 'S e an 44amh baile as motha na dùthcha a th' ann cuideachd.[2]

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

B' e na Hatti a stèidhich am baile o chionn corr is 6,000 bliadhna[3] agus chuireadh Tarsa air, bho Tarku, dia na grèine.[4] B' e gu robh an t-àite aig crois-rathaid eadar caochladh shlighe mhalairt air feadh Aisia Bige agus na Mara Mheadhan-thìriche. An dèidh na Hatti bha am baile agus an sgìre fo bhuaidh Impireachd Asirianach - sluagh Seimitig - agus an uair sin Impireachd Pheirse - a bha agus a tha fhathast na shluagh Innd-Eòrpach. Bha Tarsus na phrìomh-bhaile na roinn Kizzuwatna (Laideann: Cilicia). Thàinig Alasdair Mòr ann an 333 ro Ìosa Chrìosd agus theab e bàsachadh aig Cath Cydnus.[5] Bha Tarsus gu ìre air a ghreugachadh mar-thà. Thuit am baile gu Impireachd na Ròimhe ann an 67 ro Ìosa Chrìosd. Chuireadh Juliopolis air fad corra bhiadhna agus b' ann ann an Tarsus a thachair Cleopatra ri Marcus Antonius. Lean am baile air mar àite airson ionnsachaidh fo na Ròmanaich.[6] Chaidh Tacitus, Maximinus II agus Flavius Claudius Iulianus Augustus air an tìodhlacadh an seo. Ràinig Crìosdaidheachd dhan dùthaich sa 1 Linn agus chaidh easbaigeachd a stèidheachadh sa bhaile, fon easbaig Helenus. Bha an easbaigeachd seo cho cudromach gun deach easbaigean à Tarsus gu comhairlean-eaglaise ann an Ancyra (314), Nicaea (325) agus Ephesus (431).[7] Lean am baile air mar àite gu math cudromach fon Impireachd Bheasantianach, gu ruige an 7mh Linn nuair a thuit e dha na h-Arabaich. Shabaideadh feachdan Ioslamach agus Crìostaidh, Mamalucach agus Arabach airson a' bhaile fad linntean gus an tug Impireachd nan Otomanach thairis e ann an 1516. Anns an 19mh Linn bha inbhir na h-aibhne na bhoglach agus rinn sin droch chron air malairt.

Daoine Ainmeil[deasaich | deasaich an tùs]

Bailtean Co-cheagailte[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Cunntas-sluaigh na Stàite
  2. World Population Review
  3. Abarim
  4. Jewish Encyclopedia
  5. Livius
  6. Bosworth, C. E. (1992). "The City of Tarsus and the Arab-Byzantine Frontiers in Early and Middle ʿAbbāsid Times". Oriens. 33: 269. ISSN 0078-6527
  7. Eusebius, Historia Ecclesiastica, VI, xlvi; VII, v
  8. Galen, De Element. ex Hippocr., i. 6. vol. i; Defin. Med., prooem. vol. xix; De Trem. Palpit., etc. c. 6. vol. vii.; De Differ. Puls., iv. 10. vol. viii.
  9. Saints' Resource

Ceanglaichean A-mach[deasaich | deasaich an tùs]