Antalya
Antalya | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | An Tuirc |
Ceàrn | Antalya Büyükşehir Belediyesi |
Sgìre | Antalya İli |
Co-chomharran | 36° 54 00' Tuath 30° 41 00' Ear |
Feartan fiosaigeach | |
Farsaingeachd | 1,417 km² |
Àireamh-shluaigh | 1,203,994 (2017) |
Dlùths | 849.68/km² |
Àireamh fòn | + 0242 |
Duilleag oifigeil | https://www.antalya.bel.tr |
'S e baile mòr, port agus sgìreachd bhaile (Turcais: büyükşehir belediyesi) ann an ceann a deas Poblachd na Tuirce a th' ann an Antalya (IPA: anˈtalja), Greugais: Αττάλεια). Tha Antalya suidhichte faisg air Alanya, air costa na Mara Mheadhan-thìriche, eadar Mersin agus İzmir san roinn (Turcais: ili) Antalya, aig inbhir na h-Aibhne Köprüçay (Greugais: Εὐρυμέδων), aig 30m os cionn ìre na mara. Tha 1,203,994 duine a' fuireach ann.[1] 'S e an ochdamh baile as motha na dùthcha a th' ann cuideachd.
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Chaidh am baile a stèidheachadh leis an righ Attalus II Philadelphus à Peargamon mu 150 ro Ìosa Crìosd.[2] Leig Attalus III Philometor Euergetes am baile gu Impireachd na Ròimhe ann an 130 agus dh'fhàs Antalya gu math beairteach foidhpe. Ràinig Crìosdaidheachd dhan dùthaich sa 1 Linn agus chèilidh Barnabas agus Pòl à Tarsus air a' bhaile, mar a chithear ann an Gnìomharra nan Abstol.[3] Lean am baile air mar àite gu math cudromach fon Impireachd Bheasantianach, gu ruige an 13mh Linn,[4] nuair a thuit e dha na Tuirich Seljuq. Bha e na phrìomh-bhaile na prionnsalachd Teke (1321 - 1423) gus a thug Impireachd nan Otomanach ionnsaigh air.
Daoine Ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]Bailtean Co-cheagailte
[deasaich | deasaich an tùs]- Austin (Texas)
- Bat Yam
- Flamagusta
- Haikou
- Jeonju
- Kazan
- Miami (Florida)
- Mostar
- Muskegon (Michigan)
- Nürnberg
- Rostov-na-Donu
- Siuparaiscear
- Taldıqorğan
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Cunntas-sluaigh na Stàite
- ↑ Dallas Jo
- ↑ Bible
- ↑ O City of Byzantium: Annals of Niketas Choniates, translated by Harry J. Magoulias (Detroit: Wayne State University Press, 1984)
- ↑ Galen, De Element. ex Hippocr., i. 6. vol. i; Defin. Med., prooem. vol. xix; De Trem. Palpit., etc. c. 6. vol. vii.; De Differ. Puls., iv. 10. vol. viii.