An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Cù"

O Uicipeid
Content deleted Content added
b Robot: Adding hif:Kuttaa
b r2.7.1) (Robot: Modifying th:สุนัข to th:หมา
Loidhne 270: Loidhne 270:
[[te:కుక్క]]
[[te:కుక్క]]
[[tg:Саг]]
[[tg:Саг]]
[[th:สุนัข]]
[[th:หมา]]
[[tl:Aso]]
[[tl:Aso]]
[[tr:Köpek]]
[[tr:Köpek]]

Mùthadh on 15:01, 7 dhen Dùbhlachd 2012

Rangachadh saidheansail
Rìoghachd Animalia
Fìleam Chordata
Clas Mammalia
Òrdugh Carnivora
Teaghlach Canidae
Gèineas Canis
Spèiseas C. lupus
Fo-ghnè C. l. familiaris
Ainm saidheansail
Canis lupus familiaris (Linnaeus, 1758)

Tha an (Canis lupus familiaris) na shineach feòil-itheach anns an òrdugh Carnivora, a tha cumanta mar pheata, beathach seilg agus beathach obrach. Tha an dlùth-cheangal eadar daoine agus coin air maireachdainn co-dhiù 17,000 bliadhnaichean; their cuid "an co-cheangail" ris an dàimh seo. Is fhada bho bha daoine dhen bheachd gur h-ann bho mhadaidhean-allaidh a thainig an gnè Canis familiaris[1].

Tha iomadach seòrsa is briod de choin; faic mar eisimpleir an diofar eadar an Chihuahua beag biodach agus an Irish Wolfhound, neo eadar na diofar seòrsaichean abhagan agus am miol-chù. Tha gaoisid dhen a h-uile seòrsa is dath orra eadar dubh is geal, ruadh, riabhach, liath is donn.

Tha coin, mar a tha daoine, nam beathaichean sòisealta, agus tha sin a' cur an cèill carson a tha iad cho math gu trèanadh, cho spòrsail, agus carson a tha iad cho comhfhurtail am measg daoine. Tha ceann math orra, le cuimhne a mhaireas fada, agus comas aca iad a bhith glè luath-aireach ann an cuid a shuidheachdain; tha sin gam fàgail glè fheumail do mhac an duine.

Ged-tà tha cuid de chultaran, m.e. Islam, a' smaoineachadh gur e rud salach grànta a tha anns a' chù. Ann an cultaran eile, thèid an ithe.


Abairtean mu dheidhinn coin

  • Am Fear a bhios air dheireadh, bidh na coin comaidh ris.
  • Cho sgith ri seann chu.
  • Cho math ris a' chu!
  • Cho cam ri cu a' muin san t-sneachd.
Faidhle:Deerhound. F's K.jpg

Faclair nan Coin

Ceanglaichean (Beurla)

Ceanglaichean a-mach (Gàidhlig)

Iomradh

  1. BBC news

Teamplaid:Link FA Teamplaid:Link FA