Séamus Ennis
Séamus Ennis | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Fionnghlas, 5 dhen Chèitean 1919 |
Dùthaich | Poblachd na h-Èireann |
Bàs | Naul (townland) (en) , 5 dhen Dàmhair 1982 |
Nàdar a’ bhàis | adhbharan nàdarra (Aillse) |
Foghlam | |
Cànain |
Gaeilge Beurla |
Dreuchd | |
Dreuchd | eòlaiche-ciùil, seinneadair, tasglannaiche, beul-aithrisiche, pearsa rèidio agus music transcriber (en) |
Obraichean comharraichte | Songs Remembered in Exile: traditional Gaelic songs from Nova Scotia recorded in Cape Breton and Antigonish County in 1937 with an account of the causes of Hebridean emigration, 1790-1835 (en) |
Gnè ealain | ceòl Èireannach |
Inneal-ciùil |
a' phìob pìob-uilinn guth fìdeag-staoin |
Taigh-clàraidh | Tradition Records (en) |
B’ e ceòladair, seinneadair agus cruinniche-ciùil Èireannach a bh’ ann an Séamus Ennis (Gaeilge: Séamas Mac Aonghusa; 5 an Cèitean 1919 – 5 an Dàmhair 1982), a bha cudromach air ath-bheothachadh na pìoba-uilne ann an 20mh Linn, a ghabh pàirt ann an stèidheachadh a’ bhuidhinn saor-thoilich Na Píobairí Uilleann, agus a chruinnich còrr is 2,000 òrain is puirt Èireannach le Coimisiún Béaloideasa Éireann. Choisinn e cliù is spèis mòr mar am pìobaire-uilne a b' fheàrr a-riamh.
Teaghlach is Òigridh
[deasaich | deasaich an tùs]Bha athair, James Ennis, na sheirbheiseach sìobhalta anns an Aill, Contae Átha Cliath. Ann an 1908 cheannaich e baga ann an Lunnainn le pìosan seann pìob-uilne le Coyne Pipemakers , is dh’ionnsaich e a cluiche. Ann an 1912 bhuannaich e duais le pìob-mhòr Èireannach (warpipes) anns a’ chiad àite, is duais eile anns an dàrna àite le pìob-uilne ann an co-fharpais Oireachtais, agus bha e air duais dannsa a bhuannachadh cuideachd. Ann an 1916 phòs e Mary Josephine McCabe, a bha na fìdhlear à Contae Mhuineacháin. Trì bliadhna an dèidh sin, ann an 1919, rugadh Séamus ann an Fionnghlas, Contae Átha Cliath, am measg còig bràithrean is peathraichean eile (Angela, Barbara, Cormac, Ursula agus Desmond). Bhiodh athair, James, a’ cluiche le Fingal Trio, còmhla ri Frank O'Higgins air an fhìdheall agus John Cawley air an duiseil, is sheinneadh iad gu tric air an rèidio. Nuair a bha Séamus trì bliadhna deug, thòisich athair a theagasg cluiche na pìoba-uilne. Chaidh Séamus gu Gaelscoil Cholmcille, agus gu Coláiste Mhuire, far an do dh’ionnsaich e Gàidhlig na h-Èireann, a bhiodh cho feumail dha bliadhnaichean an dèidh làimh. Rinn e deuchainn airson a bhith na chlàrc, ach cha d’ fhuair e an obair, is e gun chosnadh nuair a bha e fichead.
Three Candles Press
[deasaich | deasaich an tùs]B’ e caraid teaghlach Ennis a bh’ ann an Colm Ó Lochlainn, a bha na neach-deasachaidh air Irish Street Ballads, is dh’fhastaidh e Séamus aig The Three Candles Press, nuair a thuirt e ris gun robh e gu falbh a Shasainn airson aonachadh ri Arm Bhreatainn. Dh’ionnsaich Séamus mòran mu cheàrd clò-bhualaidh an sin, m.e. sgrìobhadh ciùil air sgòran, is rachadh e gu còisir Ghaeilge, An Claisceadal, a bha aig Colm fhèin. Ann an 1942, nuair a bha crìonadh-eaconomach ann air sgàth a' chogaidh, thòisich Séamus obair ùr leis an Ollamh Séamus Ó Duilearge aig Coimisiún Béaloideasa Éireann, far am biodh e a’ cruinneachadh òran dìreach le peann, pàipear agus rothair. ‘S ann an sin nuair a chaidh e a Chonamara.
A’ Cruinneachadh Òran
[deasaich | deasaich an tùs]Bho 1942 gu 1947 chruinnich e òrain ann an Iar Mhumhain, Gaillimh, Cabhán, Maigh Eo, Dun nan Gall, Ciarraí, sna h-Eileanan Árainn agus sna h-Eileanan Siar na h-Alba. A chionn ‘s gun robh Gàidhlig na h-Alba gu leòr aige, b’ urrainn dha a' mhòr-chuid de na h-òrain a chruinnich Iain Latharna Caimbeul a thar-sgrìobhadh. Bha Elizabeth Cronin cho measail air, 's gun do sgrìobh i sìos na h-òrain a bh’ aice mus deach e a chèilidh oirre, is bha deagh chòmhradh aca. A-rèir coltais bhiodh e gu math càirdeil ris na ceòladairean is seinneadairean ris an tachradh e. San Lùnastal 1947 thòisich e dreuchd mar neach-craolaidh airson Radio Éireann, is bha guth domhain làidir aige, a bha gu math freagarrach air an rèidio. Bha e na phreasantair, is chlàr e a’ chiad turas luchd-ciùil mar Willie Clancy, Sean Reid and Micho Russell. Ann an 1951, chaidh Alan Lomax agus Jean Ritchie à Ameireagaidh gus òrain is puirt a chlàradh, is bhiodh Séamus fhèin air a chlàradh an uair sin Ghluais e a Lunnainn ann an 1951 airson obrachadh le Brian George air BBC, is rinn e prògram ris an canar “As I Roved Out” gu 1958, far am biodh e a’ siubhail air feadh Bhreatainn agus na h-Èireann gus ceòl traidiseanta a chlàradh. Phòs e Margaret Glynn ann an 1952, is bha dithis cloinne aca, Catherine agus Christopher.
Ceòladair Proifeiseanta
[deasaich | deasaich an tùs]An dèidh a chùmhnant le BBC a chrìochnachadh thòisich e obair neo-cheangailte ann an Sasainn, ach dhealaich e bho a bhean agus thill e a dh’Èireann airson obrachadh le Teilifis Éireann, sianail a bha ùr aig an àm. Bha caitheamh air airson greis, ach dh’fhàs e slàn is b’ urrainn dha cluich aig “Newport Folk Festival” ann an 1964. Fhuair e a’ phìob a cheannaich athair ann an 1908, is bhiodh e ga cleachdadh gu moiteil, airson puirt de sheòrsa sam bith a chluich. Bha e gu math comasach. Chaidh Na Píobairí Uilleann a stèidheachadh ann an 1964 ann am Baile an Bhiataigh, is gun teagamh bha Séamus ann. Chomharraich iad cèilidh far an do chluich ceòladairean cliùiteach aig an àm, mar Breandán Breathnach is Liam Óg Ó Floinn. A-rèir na thuirt Séamus air agallamh, dh’iarr cuideigin port bhuaithe, is chosg e còrr is fichead mionaid airson a’ phìob a ghleusadh, pìob a bha an sin 130 bliadhna, ach cho fad sa bha e deiseil, chluich e fad uair, is chuir e iongnadh mòr air a h-uile duine a bha ann. Ged a bha e an sàs ann an pìobaireachd fad a bheatha, cha do stèidhich e sgoil a-riamh. Bhiodh e a’ fuireach còmhla ri i Liam Óg Ó Floinn gu toiseach nan 70an, ach cheannach e pìos talamh anns an Aill, far an do dh’fhuirich e ann an taigh-gluasaid gu 1982, nuair a chaochail e. Chluich e an turas mu dheireadh aig sgoil samhraidh a bha aig Willie Clancy ann an 1982, is an dèidh e bàsachadh, fhuair Liam Óg Ó Floinn a phìob-uilne. Airson a chuimhneachadh, chaidh sràid ann an Fionnghlas agus ionad cultarail anns an Aill air an ainmeachadh mar Séamus Ennis.
Clàran
[deasaich | deasaich an tùs]- The Bonny Bunch of Roses (1959)
- The Ace and Deuce of Piping (1961)
- Forty Years of Irish Piping (1974)
- The Pure Drop (1974)
- The Fox Chase (1974)
- The Best of Irish Piping (1974)
- Irish Pipe and Tin Whistle Songs (1976)
- Feidlim Toon Ri's Castle (1977)
- The Wandering Minstrel (1977)
- The Return from Fingal (1997)
- Two Centuries of Celtic Music (2001)
- Séamus Ennis – Ceol, Scéalta agus Amhráin (2006)
Cruinneachaidhean (le ceòladairean eile)
[deasaich | deasaich an tùs]- Irish Pipe and Tin Whistle Songs (1994)
- Green Linnet 20th Anniversary Collection (1996)
- Alan Lomax Sampler (1997)
- Traditional Dance Music of Ireland (1997)
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- Moladh le Breandán Breathnach
- Séamus Ennis a' cluich "The Morning Thrush" (rìl a rinn athair) (Youtube)
- Séamus Ennis, Maighstir na pìoba-uilne (YouTube)
- Going to the Well for Water: The Seamus Ennis Field Diary 1942-1946 Co-chruinneachadh a leabhraichean-latha