Subá

O Uicipeid
Subá ann am Bogotá

B' e baile agus sgìre-riaghlaidh (Spàinntis municipio) faisg air Bogotá ann an Cundinamarca, Coloimbia,[1] a bh’ ann an Subá. Tha am baile a' buntainn do Bhogotá a-nis. Tha teodhachd meadhanach dhe 14˚ aige.[2] Chaidh baile a stèidheachadh an seo leis na Spàinntich ann an 1500, ann an àite far an robh clachan Tùsanach roimhe. Chaidh Subá a thoirt a-steach do Bhogotá (comhla ri Bosa, Engativá, Fontibón, Sumapaz agus Usaquén) nuair a chaidh Sgìre Shòntaichte a chur air dòigh ann an 1957 fon deachdaire Gustavo Rojas Pinilla. Bha an Riaghaltas air a bhith a' gabhail ri atharrachadh mòr airson a' phrìomh-bhaile fiù' s bliadhnachan roimhe ann an 1945,[3] ach chan fhaodadh càil a dheànamh air sàilleabh gu robh cogadh sìobhalta ann. 'S ann à sua agus uba (Gàidhlig: Flùr na Grèine) ann am Muisca a tha an t-ainm.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Dùthchannan aig SMO
  2. Municipio de Bogotá
  3. Banrepcultural

Ceanglaichean A-mach[deasaich | deasaich an tùs]

An t-sìde ann an Subá