Fontibón

O Uicipeid
Jump to navigation Jump to search
Fontibón ann am Bogotá

B' e baile agus sgìre-riaghlaidh (Spàinntis municipio) faisg air Bogotá ann an Cundinamarca, Coloimbia,[1] a th’ ann am Fontibón. Tha am baile a' buntainn do Bhogotá a-nis. 'S e ainm gu math tùsanach a th' ann am Fontibón, no Hontybon/Ontibon mar a chanadh ris mus an do ràinig na Spàinntich. Tha teodhachd meadhanach dhe 14˚ aige.[2] Chaidh baile a stèidheachadh an seo leis na Spàinntich ann an 1538, ann an àite far an robh clachan Tùsanach roimhe. Chaidh Fontibón a thoirt a-steach do Bhogotá (comhla ri Bosa, Engativá, Subá, Sumapaz agus Usaquén) nuair a chaidh Sgìre Shòntaichte a chur air dòigh ann an 1957 fon deachdaire Gustavo Rojas Pinilla. Bha an Riaghaltas air a bhith a' gabhail ri atharrachadh mòr airson a' phrìomh-bhaile fiù' s bliadhnachan roimhe ann an 1945,[3] ach chan fhaodadh càil a dheànamh air sàilleabh gu robh cogadh sìobhalta ann.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Dùthchannan aig SMO
  2. Municipio de Bogotá
  3. Banrepcultural

Ceanglaichean A-mach[deasaich | deasaich an tùs]

An t-sìde ann am Fontibón