Bosa

O Uicipeid
Bosa ann am Bogotá

B' e baile agus sgìre-riaghlaidh (Spàinntis municipio) faisg air Bogotá ann an Cundinamarca, Coloimbia,[1] a bh’ ann am Bosa. Tha am baile a' buntainn do Bhogotá a-nis. Tha teodhachd meadhanach dhe 14˚ aige.[2] Chaidh baile a stèidheachadh an seo leis na Spàinntich ann an 1538, ann an àite far an robh clachan Tùsanach roimhe. Bha cath an seo ann an 1853 eadar feachdan José María Melo agus Tomás Cipriano de Mosquera.[3] Chaidh Bosa a thoirt a-steach do Bhogotá (comhla ri Engativá, Fontibón, Subá, Sumapaz agus Usaquén) nuair a chaidh Sgìre Shòntaichte a chur air dòigh ann an 1957 fon deachdaire Gustavo Rojas Pinilla. Bha an Riaghaltas air a bhith a' gabhail ri atharrachadh mòr airson a' phrìomh-bhaile fiù' s bliadhnachan roimhe ann an 1945,[4] ach chan fhaodadh càil a dheànamh air sàilleabh gu robh cogadh sìobhalta ann.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Dùthchannan aig SMO
  2. Municipio de Bogotá
  3. Ábaco Educativo
  4. Banrepcultural

Ceanglaichean A-mach[deasaich | deasaich an tùs]

An t-sìde ann an Bosa