Sgùrr an Lochain
Coltas
Sgùrr an Lochain | |
---|---|
Sgùrr an Lochain agus Loch Cuaich | |
Àirde (m) | 1,004 |
Àirde (tr) | 3,293 |
air liosta | Beinn Rothaich |
Suidheachadh | |
Suidheachadh | Cinn Tàile |
Sreath bheanntan | Druim Deas Ghleann Seile |
Mapa cumadh-tìre | Landranger 33 Explorer 414 |
Comharradh-clèithe | NH00581043 |
’S e beinn ann an Cinn Tàile air a’ Ghàidhealtachd a th’ ann an Sgùrr an Lochain. Tha e 1,004m de dh’àirde agus ’s e Beinn Rothaich a th' ann. Tha e suidhichte eadar Loch Cluanaidh agus Loch Dubhthaich air taobh dheis Gleann Seile.
Gheibhear dhan mhullach bhon rathad A87 aig Eas nan Arm thairis air Sgùrr Beag. Dh'fhaodadh cromadh gu dìreach bho Sgùrr an Lochain. Bidh cuid ga cheangal le Creag nan Damh agus Sgùrr an Doire Leathainn air neo fiù 's leis na beanntan eile air an druim seo, ach bheir seo 9-11 uairean a thìde [1]
Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air beanntan Chinn Tàile, Gleann Seile, Loch Cuaich agus Chnòideirt.