Jump to content

Seumas Ó Conghaile

O Uicipeid
Seumas Ó Conghaile
Beatha
Breith Dùn Èideann, 5 dhen Ògmhios 1868
Dùthaich  Alba
Bàs Baile Àtha Cliath, 12 dhen Chèitean 1916
Àite-adhlacaidh Arbour Hill Cemetery (en) Translate
Nàdar a’ bhàis peanas bàis (leòn peileir)
Teaghlach
Cèile Lillie Connolly (en) Translate
Clann
Foghlam
Cànain Esperanto
Beurla
Dreuchd
Dreuchd neach-labhairt Esperanto, neach-poileataigs agus ball aonaidh-chiùird
Seirbheis san arm
Meur an airm Arm Bhreatainn
Strì An Cogadh Mòr
Creideamh
Pàrtaidh poileataigeach Irish Socialist Republican Party (en) Translate

B' e neach-poileataigs Èireannach a bh' ann an Seumas Ó Conghaile, Seumas Connolly no James Connolly ann am Beurla (5 an t-Ògmhios 186812 an Cèitean 1916).

Sgeul-bheatha

[deasaich | deasaich an tùs]

Rugadh Connolly ann an Dùn Èideann, faisg air Geata nam Bò, anns an sgìre a bha aithnichte mar "Èirinn Bheag". Chaidh a thogail ann an teaghlach Èireannach a bha fìor bhochd. Bha athair ag obair mar cheartair. Dh'fhàg Connolly Sgoil an Naoimh Phàdraig nuair a bha e deich bliadhna a dh'aois, agus fhuair e obair aig pàipear-naidheachd, Evening News. Nuair a bha e ceithir bliadhna deug a dh'aois, ghabh e anns an Arm Bhreatannach agus chaidh a chur a dh'Èirinn. Phòs e ann am Peairt ann an 1890.

As dèidh do Chonnolly an t-arm fhàgail, bha e 'n sàs ann am poileataigs sòisealach ann an Alba. Ann an 1896, dh'imrich e a Bhaile Àtha Cliath agus chuir e air dòigh Pàrtaidh Poballach Sòisealta na h-Èireann.

Chaidh a chur gu bàs as dèidh Ar-a-mach na Càisge, còmhla ri Pàdraig Mac Piarais, Seán Mac Giolla Bhríde agus, daoine eile a bha 'n sàs anns an ar-a-mach.[1]

Buaidh Chonnolly

[deasaich | deasaich an tùs]

Ann an Alba, dhrùidh beachdan is beatha Chonnolly gu mòr air Iain MacGilleEathain (1879-1923), neach-poileataigs cliùiteach.

Bha am bàrd Somhairle MacGill-Eain a' toirt spèis mhòr do Chonnolly, mar a chithear anns na dàin aige: "Àird-Mhusaeum na h-Èireann".[2]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. MacAdhaimh, Seonaidh (2000): “Seumas Connolly,” ann an: Gairm, leabhar 193, àir. An Geamhradh.
  2. Àird-Mhusaeum na h-Èireann”. Somhairle MacGill-Eain air loidhne. Air a thogail 5mh dhen Ògmhios 2018.