Seumas VI na h-Alba is Seumas I Shasainn

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Seumas VI na h-Alba is Seumas I Shasainn
James I of England by Daniel Mytens.jpg
monarc na h-Alba

8 dhen Ghearran 1587 - 27 dhen Mhàrt 1625
Màiri I, Bànrigh na h-Alba - Teàrlach I
monarc Shasainn

24 dhen Mhàrt 1603 - 27 dhen Mhàrt 1625
Ban-rìgh Ealasaid I - Teàrlach I
monarc na h-Èireann

24 dhen Mhàrt 1603 - 27 dhen Mhàrt 1625
Ban-rìgh Ealasaid I - Teàrlach I
Beatha
Breith Dùn Èideann, 19 dhen Ògmhios 1566
Dùthaich  Alba
Bàs Herefordshire, 27 dhen Mhàrt 1625
Àite-adhlacaidh Abaid Westminster
Teaghlach
Athair Eanraig Stiùbhairt, Morair Darnley
Màthair Màiri I, Bànrigh na h-Alba
Cèile Anna na Danmhairg
Clann
Sinnsirean
Fine Taigh nan Stiùbhartach
Dreuchd
Dreuchd bàrd agus sgrìobhadair
Creideamh
Creideamh Anglachas
Eaglais na h-Alba
James I of England signature.svg

B' e Rìgh na h-Alba bho 24 an Iuchar 1567 gu 27 Mairt 1625 agus Rìgh Sasainn bho 24 am Màrt 1603 a bha ann an Seumas VI Alba agus I Shasainn. Rugadh e: 19 an t-Ògmhios 1566, Caisteal Dhùn Èideann, Alba, a' chiad-gin mic dha mhàthair, a' Bhan-rìgh Màiri

Fhuair e seilbh air crùn Alba, mas fhìor, is gun e ach bliadhna a dh'aois, nuair a rinneadh cùl-mhutaireachd le cuid de dh'àrd-uaislean Alba agus chaidh a mhàthair a chuir an greim leotha (aig a cheann thall, chaidh a toirt seachad dha na Sasannaich).

Na òige, bha làn chumhachd aig iomadach tanaistear a ghabh stiùir na dùthcha. Ach aig aois 17, chuir Seumas roimhe gun rìoghaicheadh e fhèin, agus fhuair e cuidhteas na tanaistearan.

Ann am beachd cuid, b' e an rìgh mu dheireadh ann an Alba a bha fileanta sa Ghàidhlig, agus chuir e greis seachad a' tadhal anns na h-Eileanan an-iar, is e a' feuchainn ri fineachan Gàidhealach nan Eilean, a rinn ar-a-mach gu tric, a cheannsachadh.

B'e Seumas VI a' chiad rìgh a-riamh a shuidh air rìgh-chathair Alba agus Sasainn còmhla; shealbhaich e crùn Shasainn ann an 1603 nuair a chaochail a' bhan-rìgh Ealasaid I, co-ogha a mhàthar, gun sliochd. 'S e Aonadh nan Crùintean a chanar ri seo. Nuair a shealbhaich e an coron Sasannach, dh'fhàg e Alba is cha do thill. Bha e cuideachd na Rìgh Èireann.

Fhuair Seumas oideachadh math na òige, agus bha e fhèin na sgoilear ainmichte. Fo làimh-riaghaidh, lean na "làithean geal" dhen litreachas Beurla, comharraichte le ùghdaran mar William Shakespeare, John Donne is Francis Bacon. Chaidh am frith-ainm "an t-amadan as glice a th' anns a' Chrìosdaidheachd" a bhuileachadh air.

Fo riaghladh, chaidh a' chiad thuinneachadh Sasannach ann an Ameireaga a Tuath a stèidheachadh - "Baile Sheumais" no Jamestown (1607).

Nuair a shiùbhail e, shealbhaich a mhac a bu shine a mhair beò, Teàrlach, oir bha a chiad-ghin mic, am Prionnsa Eanraig, air caochladh gun e ach aois ochd-deug.

Seumas VI Alba na ghille bheag


Aistean co-cheangailte[deasaich | deasaich an tùs]