Màiri I, Bànrigh na h-Alba
Bha Màiri Stiùbhart na bhoireannach àilleasach, tarraingeach do dh'fhir agus, gu ìre, gu math geur-chùiseach. Ach fhuair i an driod-fhortan a bhith a' riaghladh ann an dùthaich far am faigheadh am fear a bu thapaidh tàire riaghlaidh, agus lean aimhreit is còmhstri i fad a làithean.
Cha robh i ach sia làithean a dh'aois nuair a chaochail a h-athair, Seumas V, le cridhe briste bhathas ag ràdh às dèidh iomruagadh nan Albannach aig Blàr Solway Moss. Cha robh i ach còig bliadhna a dh'aois nuair a chaill na h-Albannaich Blàr aibhiseach Pinkie an aghaidh Arm Shasainn, agus bha aice ri teicheadh dhan Fhraing far an deach a pòsadh ris an Dauphin, Francois; ach chaochail esan òg, na rìgh airson beagan còrr is bliadhna.
Ann an 1561 thill Màiri a dh'Alba, dùthaich a bha mun àm sin ga reubadh eadar Caitligich (an creud san do thogadh Màiri fhèin) agus Pròstanaich, le Iain Knox aig an ceann. 'S e suidheachadh a bha seo a bhiodh glè dhuilich do riaghladair sam bith. Ach bha cùisean na bu mhiosa builich do Mhàiri, a chionn 's gun robh Ealasaid I Shasainn a' sìor-chur bacadh oirre agus i gu math amharasach mun tagairt a bh' aig Màiri do chrùn Shasainn. Chuir i seachad oidhche mu dheireadh ann an Alba san Abaid ann an Dùn Droighnein.[1]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- Alba Aosmhor: Màiri Stiubhart Bànrigh na h-Alba (.pdf)
- “Prògram Choinnich”. Tobar an Dualchais. Air a thogail 25mh dhen Fhaoilleach 2024. Dr Iain MacAonghuis a' bruidhinn air Màiri I (Gàidhlig)