Eanraig VIII Shasainn
Coltas
B' e Eanraig VIII (28 an t-Ògmhios 1491 - 28 am Faoilleach 1547) Rìgh Shasainn bho 21 an Giblean 1509 gu 28 am Faoilleach 1547.
Rugadh e ann an Lùchairt Greenwich, agus e na mhac do dh' Eanraig VII agus Elizabeth à Eabhraig. Shabaid a fheachdan an aghaidh Alba am Blàr Flodden ann an 1513. Chuir Pàpa Leo X an t-ainm dìonadair a' chreideimh air ann an 1521. Phòs e sia uairean, is ann an 1533 bhris e leis an Eaglais Chaitligeach nuair dhiùlt i ris Anne Boleyn a phòsadh. Cha do rug i mac, is chuir Eanraig gu bàs i ann an 1536 is phòs e Jane Seymour, a rug mac, Èideard, ged a chaochail i ann an 1537.
Chaochail e ann an 1547 is lean a mhac e mar Èideard VI.[1]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ “BBC History - Henry VIII”. BBC. Air a thogail 19mh dhen Chèitean 2018.