Seumas VI na h-Alba is Seumas I Shasainn
B' e Rìgh na h-Alba bho 24 an Iuchar 1567 gu 27 Mairt 1625 agus Rìgh Sasainn bho 24 am Màrt 1603 a bha ann an Seumas VI Alba agus I Shasainn. Rugadh e 19 an t-Ògmhios 1566 ann an Caisteal Dhùn Èideann, Alba, a' chiad-gin mic dha mhàthair, a' Bhan-rìgh Màiri.
Fhuair e seilbh air crùn Alba, mas fhìor, is gun e ach bliadhna a dh'aois, nuair a rinneadh cùl-mhutaireachd le cuid de dh'àrd-uaislean Alba agus chaidh a mhàthair a chuir an greim leotha (aig a cheann thall, chaidh a toirt seachad dha na Sasannaich).
Na òige, bha làn chumhachd aig iomadach tànaistear a ghabh stiùir na dùthcha. Ach aig aois 17, chuir Seumas roimhe gun rìoghaicheadh e fhèin, agus fhuair e cuidhteas na tànaistearan.
B'e Seumas VI a' chiad rìgh a-riamh a shuidh air rìgh-chathair Alba agus Sasainn còmhla; shealbhaich e crùn Shasainn ann an 1603 nuair a chaochail a' bhànrigh Ealasaid I, co-ogha a mhàthar, gun sliochd. 'S e Aonadh nan Crùintean a chanar ri seo. Nuair a shealbhaich e an coron Sasannach, dh'fhàg e Alba is cha do thill. Bha e cuideachd na Rìgh Èireann.
Fhuair Seumas oideachadh math na òige, agus bha e fhèin na sgoilear ainmichte. Fo làimh-riaghaidh, lean na "làithean geal" dhen litreachas Beurla, comharraichte le ùghdaran mar William Shakespeare, John Donne is Francis Bacon. Chaidh am frith-ainm "an t-amadan as glice a th' anns a' Chrìosdaidheachd" a bhuileachadh air.
Fo riaghladh, chaidh a' chiad thuineachadh Sasannach ann an Ameireaga a Tuath a stèidheachadh - "Baile Sheumais" no Jamestown (1607).
Nuair a shiubhail e, shealbhaich a mhac a bu shine a mhair beò, Teàrlach, oir bha a chiad-ghin mic, am Prionnsa Eanraig, air caochladh gun e ach aois ochd-deug.[1]
Aistean co-cheangailte
[deasaich | deasaich an tùs]Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ “Seumas VI agus I - Aonadh nan Crùn gu Aonadh nam Pàrlamaid”. Eachdraidh na h-Alba. e-Stòras. Air a thogail 27mh dhen Mhàrt 2019.