B’ e dùthaich mheadhanach neo-eisimeileach ann an ceann a deas na Gearmailt a mhair bho 1806 gu ruige 1918 a bh’ anns an Rìoghachd Bayern (Gearmailtis: Königreich Bayern).[1] B’ e München a bh’ ann prìomh-bhaile na dùthcha agus b' e an Teaghlachuasal Wittlesbach a bha os a cionn.[2] Chruthachadh an Rìoghachd tro Chòrdadh Phressburg,[3] nuair a ghairm Napoleon Bonaparte gur e rìgh an àite diùc a bh' ann ceannard na Prionnsalachd-taghaidh Bayern ri linn atharrachadh mòr a rinn e air structair phoileataigeach na Gearmailt a thaobh Co-chaidreachas na Rèine,[4] an dèidh dha chur às do dh' Ìmpireachd Naomh na Ròimhe. Bha Bayern na ball a' Cho-chaidreachais bho 1806, a' cur 30,000 saighdear gu feachdan a' cho-chaidreachais, gus a chuir i cùl air An Fhraing ann an 1813 agus ghabh i thairis air Àrd-Dhiùcachd Frankfurt. Chaill Bayern fearann ann an Tyrol agus Voralberg dhan Ostair tro Chòrdadh Pharis (1815),[5] ach fhuaireadh Aschaffenburg) agus sgìre neo dhà ann an Hesse-Darmstadt nan àite. Mhair an stàit seo mar sgìre fad Ìmpireachd na Gearmailte (1871 – 1918). Thug Ar-a-mach na Gearmailt buaidh mhòr air Bayern agus leig an Righ Ludwig III dheth an crùn. Chaidh poblachd, a bhuineadh dhan Phoblachd Weimar fhèin, a stèidheachadh na h-àite.[6]