Jump to content

Rudolstadt

O Uicipeid
Rudolstadt
Rudelstadt/Rolschte
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich A' Ghearmailt
Ceàrn Saarfeld-Rudolstadt
Sgìre Thüringen
Co-chomharran 50° 43' Tuath
20° 00' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 55.38 km²
Àireamh-shluaigh 22,739 (2013)
Dlùths 410.6/km²
Àireamh fòn 03672
Duilleag oifigeil A' Chomhairle

‘S e baile meadhanach faisg air Meiningen ann an cridhe na Gearmailte a th’ ann an Rudolstadt (Thüringisch: Rudelstadt, Mundart: Rolschte). Tha e suidhichte aig 195m os cionn ìre na mara ri taobh na h-aibhne Saale, anns an stàit Thüringen, 247km air falbh bho Bherlin, 100km bho Leipzig agus 29km bho Jena.[1] ‘S ann leis an sgìre Landkreis Saarfeld-Rudolstadt a tha am baile agus tha 22,739[2] duine a' fuireach ann.

Chaidh Rudolstadt a stèidheachadh ann an 776 agus fhuair e a chuid chòirichean mar bhaile ann an 1326.[3] B' e prìomh-bhaile na Prionnsalachd Schwarzburg-Rudolstadt eadar 1599 gu ruige Aonadh na Gearmailte ann an 1871 fo bhuaidh an teaghlaich Schwartzburg[4] a bh' ann agus thogadh an Caisteal Heidecksbug ann an 1737, nuair a bha am baile a' fàs na bu chumhachdaile taobh mhalairt agus ealain. Aig an àm sin, thàinig iomadach duine ainmeil tàlantach dhan bhaile, mar Liszt Ferencz, Johann Wolfgang von Goethe, Alexander von Humboldt, Niccolò Paganini, Friedrich Schiller, Arthur Schopenhauer agus Richard Wagner.[5] Chaidh an sgrìobhadair Hans Fallada dhan sgoil ann an Rudolstadt bho 1909 gu 1911 agus ‘s ann an seo a mharbh esan a dheagh charaid Hanss Dietrich von Necker ann an còmhraig-dithis.[6]

Bailtean Co-cheangailte

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Distance Calculator
  2. StatistikThüringen
  3. Thüringer Gastlichkeit
  4. Heraldica
  5. Thüringer Gastlichkeit
  6. Thüringische Landeszeitung[dead link]

Ceanglaichean A-mach

[deasaich | deasaich an tùs]