Ruairidh MacLeòid nan Duilleagan Gàidhlig
Coltas
| Ruairidh MacLeòid nan Duilleagan Gàidhlig | |||
|---|---|---|---|
| |||
| Beatha | |||
| Breith | Loch nam Madadh, 1941 | ||
| Dùthaich |
| ||
| Foghlam | |||
| Foghlam |
Àrd-sgoil Phort Rìgh An t-Oilthigh Fosgailte Oilthigh Dhùn Èideann (1959 - 1966) eòlas Ceilteach | ||
| Cànain | Beurla | ||
| Dreuchd | |||
| Dreuchd | ministear | ||
Buinidh an Dr Ruairidh MacLeòid (Beurla: Roderick MacLeod) do Loch nam Madadh ann an Uibhist a Tuath agus bha e bliadhnaichean na mhinistear ann am Beàrnaraigh na Hearadh mus do ghluais e gun Fhùirneis ann am Meadhan Earra-Ghàidheal. Bha e na Chomhairliche air Comhairle nan Eilean nuair a chaidh an t-ùghdarras ionadail a stèidheachadh. Tha e air a bhith na fhear-deasachaidh air Na Duilleagan Gàidhlig airson na h-iris ‘Life and Work’ aig Eaglais na h-Alba airson iomadh bliadhna agus b' esan a ghabh seirbheis cuimhneachaidh Iain Noble ann an Eaglais nam Manach Liath ann an Dùn Èideann anns a’ Ghiblean 2010.
Clàr-leabhraichean
[deasaich | deasaich an tùs]- MacLeòid, Ruairidh. 1982. Pleunaichean na Gàidhealtachd (Uibhist-a-Tuath: Crùisgean)
Sgrìobhaidhean mu a dheidhinn
[deasaich | deasaich an tùs]- MacThòmais, R. 1983. ‘Pleunaichean na Gàidhealtachd le Ruaraidh MacLeoid.’ Gairm 124, d.383.