Jump to content

Na Duilleagan Gàidhlig

O Uicipeid

’S e foirlionadh air an iris Life and Work aig Eaglais na h-Alba a tha anns Na Duilleagan Gàidhlig.

Bha Life and Work fhathast gu math òg nuair a chaidh co-dhùnadh a dhèanamh, foirlionadh a fhoillseachadh gach mìos airson luchd-labhairt na Gàidhlig. Chaidh a’ chiad fhear a fhoillseachadh san Fhaoilleach 1880, agus cha do sguir e idir bhon uair sin chun an latha an-diugh. Cha robh iris Ghàidhlig riamh ann aig an robh beatha cho fada. Agus anns an ùine seo gu léir cha robh aig Na Duilleagan Gàidhlig ach cóignear de luchd-deasachaidh, bho sgìrean eadar-dhealaichte air a’ Ghàidhealtachd.

B’ e a’ chiad fhear-deasachaidh An t-Urr. Gilleasbuig Mac a’ Chléirich bho Latharna, a bha ’na mhinistear ann an Cill Mhàilidh. Bha e pòsta aig nighean an Urr. Tormod MacLeòid (Caraid nan Gàidheal), am fear-sgrìobhaidh rosg na Gàidhlig as ainmeile sa 19mh Linn. Dheasaich e cruinneachadh air an robh féill mhór de sgrìobhaidhean athar-chéile.

Nuair a chaochail Gilleasbuig Mac a’ Chléirich ann an 1887, chaidh an t-Urr. Iain MacRuaraidh, ministear Shniothasoirt agus Ùige san Eilean Sgitheanach a chur ’na fhear-deasachaidh air Na Duilleagan Gàidhlig. ’S e sàr eadar-theangadair rosg agus bàrdach gu Gàidhlig a bh’ ann, agus bha e air Gàidhlig a chur air na h-Arabian Nights.

Nuair a chaochail Iain MacRuaraidh ann an 1907, chaidh an t-Urr. Dòmhnall MacLaomainn[dead link] à Tiriodh a thaghadh mar neach-deasachaidh. Bha Dòmhnall MacLaomainn aig an àm ’na mhinistear air Gleann Urchadain, ach chaidh a ghluasad an ath bhliadhna gu Blàr Athaill far an do chuir e seachad a chuid eile d’a bhliadhnaichean ministreachd. Chaidh e bliadhnaichean fada soirbheachail ’na fhear-deasachaidh, bho 1907 gu 1951. B’ esan fear de na sgrìobhadairean rosg a b' fhearr sa Ghàidhlig anns an 20mh Linn, agus chaidh cuid mhór den sgrìobhadaireachd aige fhéin, aistean gu h-àraid, fhoillseachadh anns Na Duilleagan Gàidhlig. (Ann an 1930-31 chaidh an obair dheasachaidh a roinneadh leis an Dr. Calum MacGilleFhinnein a bha air a bhith ’na fhear-deasachaidh air An Fhianais, iris na Eaglaise Saoir Aonaichte.

Ann an 1951 chaidh an t-Oll. Urr. Tómas MacCalmain ’na cheathramh nach-deasachaidh air Na Duilleagan Gàidhlig. Rugadh Tómas MacCalmain ann an Glaschu ach chaidh a thogail san Eilean Sgitheanach. A bharrachd air a bhith ’na fhear-deasachaidh air Na Duilleagan Gàidhlig, sgrìobh e torr ann an Gàidhlig agus ann am Beurla airson iomadh iris agus pàipear-naidheachd. Bha e ’na mhinistear air Calum Cille Copland, agus an uair sin Calum Cille Summerton, co-thional Gàidhlig ann an Glaschu.

Nuair a leig Tómas MacCalmain dheth a dhreuchd mar neach-deasachaidh, chaidh an t-Urr. Ruairidh MacLeòid bho Uibhist a Tuath a thaghadh, agus tha e a’ leantainn air chun an latha an-diugh. Bha Ruairidh MacLeòid ’na mhinistear aig an àm ann am Beàrnaraigh na Hearadh, agus ’na dhéidh sin air Cumlodden, Taobh Loch Fìne agus Loch Geàrr.

Tha caochladh stuthan anns Na Duilleagan Gàidhlig, eadar rosg agus bhàrdachd. ’S e luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig a tha ann an torr den luchd-leughaidh, agus théid a chleachdadh uaireannan ann an clasaichean Gàidhlig. Tha naidheachdan ann bho cho-thionalan, léirmheasan air leabhraichean, agus tòimhseachain-tharsainn, a bharrachd air searmoin agus laoidhean.

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]