Jump to content

Romhsaigh

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o Rousay)
Location
Location
Robhsaigh
Robhsaigh
Midhowe Broch

'S e eilean ann an Arcaibh a th' ann an Robhsaigh [1][2] neo Romhsaigh [3] (Lochlannais: Hrólfs-øy (Eilean Hrolf)[4]; Beurla: Rousay). Tha e suidhichte san ear-thuath air Mòr-thìr, Arcaibh. Tha na h-eileanan Egilsay san ear agus Wyre san ear-dheas. Ann an 2011 bha 216 daoine a' fuireach an seo.[5]

Cruth na tìre

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha Robhsaigh cho mòr ri 4860 ha. Tha seann chlach-ghainmhich dearg cumanta ann an Robhsaigh.[4]

Le 250 m de dh'àirde 's e Blotchnie Fiold a' bheinn as àirde air an eilean.[6] Tha e suidhichte aig ceann an ear-dheas an eilean anns an Trumland Nature Reserve, raon a fo chùram Comann Rìoghail Dìon nan Eun. Beagan nas fhaide chun an iar-thuath, ann am meadhan an eilean, tha a' bheinn Twelve Hours Tower (210 m) ann agus tha an "Suso Burn" eatarra. San ear-thuath air Blotchnie Fiold, air an taobh eile den t-Suso Burn chithear Kierfea Hill (235 m) agus nas fhaide gu tuath Faraclett Head (107m). Tha na beanntan san iar Robhsaigh nas ìsle, tha Brae of Moan san iar-thuath an eilean mu 122 m de dh'àirde. Tha Ward Hill (198m) suidhichte aig ceann an iar-dheas an eilean.

Àireamh-shluaigh

[deasaich | deasaich an tùs]

Mar a chithear anns a' chlàr a leanas dh'atharraich àireamh muinntir an eilein tro na linntean.[4]

Bliadhna Àireamh-shluaigh
1841 982
1881 873
1891 774
1931 468
1961 237
1981 209
1991 217
2001 212
2011 216

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. MacLeòid, Iain (1995): Atlas airson Alba. Acair Ltd. Steòrnabhagh ISBN 0861521501
  2. Am Faclair Beag
  3. "Alba" le Roy Pedersen
  4. 4.0 4.1 4.2 Haswell-Smith, Hamish (2008): The Scottish Islands. Dùn Èideann, Canongate, td 383-386; ISBN 9781847672773
  5. National Records of Scotland 2011 Census Earr-ràdh 2: Population and households on Scotland’s inhabited islands (PDF). Air a tharraing 8 an Lùnastal 2015
  6. Hill Bagging (Beurla)