Ward Hill (Robhsaigh)
Co-chomharran: 59°09′05″N 3°04′50″W / 59.151366°N 3.080423°W
Ward Hill (Robhsaigh) | |
---|---|
Mullach na beinne | |
Àirde (m) | 198 |
Àirde (tr) | 650 |
Àirde rinneach (m) | 51 |
Màthair-mhullaich | Blotchnie Fiold |
Suidheachadh | |
Suidheachadh | Romhsaigh |
Mapa cumadh-tìre | OS Landranger (6) OS Explorer (463 464) |
Comharradh-clèithe | HY383299 |
'S e beinn ann an Arcaibh, Alba a th' ann an Ward Hill.
Suidheachadh
[deasaich | deasaich an tùs]Tha e suidhichte aig ceann an iar-dheas an eilean Romhsaigh faisg air an rathad B 9064. Tha Twelve Hours Tower san ear-thuath. Tha Ward Hill 198m (650 troigh) de dh'àirde.[1] Chan eil dad sònraichte air mullach na beinne ach meallan feurach a bhios a' sealltainn a' phuing as àirde.
Air sgàth 's gu bheil àirde nam beann ag atharrachadh tro ùine, tha buidhnean eadar-dhealaichte gam measach bho àm gu àm. Rinneadh an t-ath-sgrùdadh mu dheireadh air Ward Hill san 20 am Faoilleach 2012 agus chaidh na tomhasan a chruinneachadh air an liosta a tha ri fhaighinn air an làrach-lìn "Database of British and Irish hills".[2]
'S e Blotchnie Fiold a mhàthair-mhullaich a tha suidhiche san ear air. Tha an àirde rinneach de 51 m a' sgaradh an dà bheinn.
Freumh an ainm
[deasaich | deasaich an tùs]Tha an t-ainm "Ward Hill" a' tighinn bhon fhacal Lochlannais "varði" a tha a' ciallachadh tùr-rabhaidh. Nochdaidh e an-diugh mar "-ward" neo "-wart" ann an ainmean-àite Arcaibh. Gu eachdraidheil bha e cumanta airson a' bheinn as àirde anns an eilean air sgàth 's gum b' e sin an t-àite a b' fheàrr gus teine-rabhaidh a lasadh.[3]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Hill Bagging (Beurla)
- ↑ "Database of British and Irish Hills". Retrieved 8 an Lùnastal 2014 (Beurla).
{{cite web}}
: Check date values in:|accessdate=
(help) - ↑ Orkney Placenames - natural elements" Orkneyjar (Beurla). Air a tharraing 31.8.2015