Jump to content

Gairsay

O Uicipeid
Gairsay

'S e eilean ann an Arcaibh a th' ann an Gairsay (Beurla bho shean "Gairsa"; Lochlannais: Gáreksøy, Eilean Gárekr).

Cruth na tìre

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha Gairsay mu dà mhìle (3.2 km) air fad is mu mhìle air leud (1.6 km). Tha e cho mòr ri 240 ha2. Tha seann chlach-ghainmhich dhearg cumanta ann am Gairsay a tha còmhdaichte le mòine is ùir torraich.[1] Tha eòin eadar-dhealaichte a' neadachadh anns an fhraoich, gu h-àraidh làmhraigean (stercorarius skua).

'S e Ward of Gairsay a' bheinn as àirde ann an Gairsay. Tha e 102m (335 troigh) de dh'àirde[2] agus tha e suidhichte ann am meadhan an eilein. Tha taobh an ear-dheas an eilean nas ìsle, dìreach mu 20 m a dh'àirde. Air costa a deas Gairsay chithear trì eileanan beaga, Holm of Rendall, Holm of Boray agus Grass Holm, agus sgeirean cuideachd, leithid Seal Skerry is Taing Skerry. Tha eilean eile, Sweyn Holm, na laighe san àirde an ear-thuath Gairsay.

Àireamh-shluaigh

[deasaich | deasaich an tùs]

Chaidh an eilean a cheannachd le Val agus David McGill ann an 1971 airson fuireach an seo.[1] Ann an 2011 bha triùir a' fuireach anns an eilean. [3] Anns a' chlàr a leanas chithear mar a dh'atharraich àireamh muinntir an eilein tro na linntean.[1]

Bliadhna Àireamh-shluaigh
1841 71
1881 33
1891 33
1931 5
1961 0
1971 7
1981 6
1991 3
2001 3

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. 1.0 1.1 1.2 Haswell-Smith, Hamish (2008): The Scottish Islands. Dùn Èideann, Canongate, td 367; ISBN 9781847672773
  2. Hill Bagging (Beurla)
  3. National Records of Scotland 2011 Census "Appendix 2: Population and households on Scotland’s inhabited islands" (PDF). Air a tharraing 8 an Lùnastal 2015

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: