Jump to content

Auskerry

O Uicipeid
Taigh-solais ann an Auskerry.

'S e eilean ann an Arcaibh a tha ann an Auskerry. Tha e suidhichte mu còig cilemeatair deas air Stronsaigh. Tha e cho mòr ri 85 ha (210 acair) agus gu ìre mhòr tha e rèidh is feurach. 'S e 18 m (59 troigh) an àite as àirde.

'S e ainm Lochlannais a th' ann an Auskerry, thàinig e bho Østr sker a bhios a' ciallachadh "sgeir an ear".

Tha taigh-solais aig ceann a deas an eilean, air an rubha Baa Taing. Chaidh a thogail eadar 1865 is 1867 agus tha e mu 34 m de dh'àird os cion na mara. Chaidh an taigh solais a chur air liosta togalaichean an roinn-seòrsa B ann an 1971. [1] Anns na 1960an dh'atharraidh siostam an taigh-solais gu fhèin-obrachail agus bhon uair sin cha robh duine sam bith a' fuireach air an eilean. Chaidh an eilean a reic ann an 1973/74 do dhithis fear, a bhios a' fuireach ann còmhla ris an teaghlach aca. Ann an 2001 bha coignear a' fuireach ann an Auskerry [2] agus ann an 2011 dìreach ceathrar.[3]

Tha tursachan is tobhtaichean a' sealltainn, gun robh daoine a' fuireach ann an Auskerry o chionn fada. Tha tursa ann am meadhan an eilean[4] agus fear eile san iar an eilein.[5] Tha càrn chlachan loisgte ann am meadhan an eilein [6] agus tha tobhtaichean eaglaise meadhan-aoisiche an seo cuideachd.

Tha geodha fon taigh-solais air a bheil t-ainm Hunters Geo. Bha e ainmichte a measg nan sealgairean gus ròin glas a shealg. Thàinig na ròin ghlas an seo san fhoghar airson breith. Canar "Selkies" riutha anns na h-eileanan Arcaibh.

  • Haswell-Smith, Hamish (2008): The Scottish Islands, Dùn Èideann, Canongate. td 363-364;ISBN 9781847672773

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Alba Aosmhor[dead link]
  2. Scotland's Island Population (Beurla) leughte 7.1.2015
  3. National Records of Scotland 2011 Census "Appendix 2: Population and households on Scotland’s inhabited islands" (PDF). Air a tharraing 8 an Lùnastal 2015
  4. An Coimisean Rìoghail air Carraighean Àrsaidh is Eachdraidheil na h-Alba - àireamh an làraich HY61NE 4 (Beurla) leughte 7.1.2015
  5. An Coimisean Rìoghail air Carraighean Àrsaidh is Eachdraidheil na h-Alba - àireamh an làraich: HY61NE 5(Beurla) leughte 7.1.2015
  6. An Coimisean Rìoghail air Carraighean Àrsaidh is Eachdraidheil na h-Alba - àireamh an làraich HY61NE 2 (Beurla) leughte 7.1.2015

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: