Ward of Gairsay

O Uicipeid

Co-chomharran: 59°05′02″N 2°58′38″W / 59.08393°N 2.977097°W / 59.08393; -2.977097

Ward of Gairsay

Àirde (m) 102
Àirde (tr) 335
Àirde rinneach (m) 102
air liosta HuMP
Suidheachadh
Ward of Gairsay is located in Alba
Ward of Gairsay
Ward of Gairsay (Alba)
Suidheachadh Gairsay
Mapa cumadh-tìre OS Landranger (5,6)
OS Explorer (461N)
Comharradh-clèithe HY441223

'S e beinn ann an Arcaibh, Alba a th' ann an Ward of Gairsay. 'S e seo a' bheinn as àirde ann an Gairsay, tha e suidhichte ann am meadhan an eilein.

Tha Ward of Gairsay 102m (335 troigh) de dh'àirde.[1] Air mullach na beinne tha càrn agus leac thriantanachd ann. Tha a' phuing as àirde suidhichte mu mheatair air falbh bhon lic thriantanachd. 'S e HuMP a th' ann. Air sgàth 's gu bheil àirde nam beann ag atharrachadh tro ùine, tha buidhnean eadar-dhealaichte gam measach bho àm gu àm. Rinneadh an t-ath-sgrùdadh mu dheireadh air Ward of Gairsay san 08 an t-Ògmhios 2009 agus chaidh na tomhasan a chruinneachadh air an liosta a tha ri fhaighinn air an làrach-lìn "Database of British and Irish hills".[2]

Tha an t-ainm "Ward of Gairsay" a' tighinn bhon fhacal Lochlannais "varði" a tha a' ciallachadh tùr-rabhaidh. Nochdaidh e an-diugh mar "-ward" neo "-wart" ann an ainmean-àite Arcaibh. Gu eachdraidheil bha e cumanta airson a' bheinn as àirde anns an eilean air sgàth 's gum b' e sin an t-àite a b' fheàrr gus teine-rabhaidh a lasadh.[3]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Hill Bagging (Beurla)
  2. Database of British and Irish Hills”. Air a thogail 8 an Lùnastal 2014 (Beurla).
  3. Orkney Placenames - natural elements" Orkneyjar (Beurla). Air a tharraing 31.8.2015

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]