Clach-ghainmhich
Coltas
Tha clach-ghainmhich na seann ruadh-chlach air a dèanamh de smùrach chreagan gainmheach. Tha e à clach-èite agus feldspar.
Is ann bho fhuigheall na talmhainn, a chruadhaich fo chuideam tro na linntean, a tha sinn a' faighinn creagan dàrnach mar a tha seann ruadh-chlach-ghainmhich. Chaidh cuid mhòr de chlach-ghainmhich ann an Alba a cruthachadh anns an linn Deabhonianach.[1]
Ailtireachd
[deasaich | deasaich an tùs]Tha bailtean leithid Peairt cha mhòr uile gu lèir air an togail le cloich-ghainmhich.[2] Tha an dà chuid togalaichean aosta agus togalaichean ùra am Baile Ùr Dhùn Èideann mar as trice air an togail leis an t-seòrsa cloiche seo.[3]Is ann à clach-ghainmhich a tha a' chathair-eaglais am Baile na h-Eaglaise, Arcaibh.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Innse Gall, Cruth-tìre air a dhealbh le clach-eòlas NàdarAlba, 2007
- ↑ Gairm, Leabhar XVI, Geography na h-Albann, (5) Siorrachd Pheairt le Ruairidh MacFhionghuin, Creagan is Talamh, td45
- ↑ Martin Hannan (2.7.2015). "£850m shop plan for capital". The National. Retrieved 24.7.2015.
{{cite web}}
: Check date values in:|accessdate=
and|date=
(help)