Ròineabhal
Co-chomharran: 57°06′24″N 7°15′34″W / 57.106738°N 7.259426°W
Ròineabhal | |
---|---|
Mullach na beinne | |
Àirde (m) | 201 |
Àirde (tr) | 659 |
Àirde rinneach (m) | 152 |
air liosta | Marilyn, HuMP |
Suidheachadh | |
Suidheachadh | Uibhist a Deas |
Mapa cumadh-tìre | OS Landranger (31) OS Explorer (453S) |
Comharradh-clèithe | NF816140 |
'S e beinn anns na h-Eileanan Siar, Alba a th' ann an Ròineabhal no Roneval.
Suidheachadh
[deasaich | deasaich an tùs]Tha e suidhichte ann an Uibhist a Deas. Tha e na laige eadar Gleann Dail bho Dheas san iar agus Rubha Mealabhaig san ear ann an ceann a deas an eilein. Tha na beanntan Cruachan agus Hairtebreac faisg air. Iar-dheas air Ròineabhal tha creagan àrda ann ris an canar Rubha Mòr. San iar chithear càrn aig cois na beinne a tha clàraichte le Seirbhis Arc-eolas nan Eilean Siar[1] agus leis a' Choimisean Rìoghail air Carraighean Àrsaidh is Eachdraidheil na h-Alba. [2] Tha a h-uile coltas ann gun deach a thogail ann an Linn Ùr na Cloiche.[2]
Tha Ròineabhal 201m (659 troigh) de dh'àirde.[3] Tha e còmhdaichte le mòine agus gneiss. Air mullach na beinne chithear creag mu cheithir meatair air falbh bhon charragh triantanachaidh a tha a' comharrachadh a' phuing as àirde.[3] Bhon an seo gheibhear deagh shealladh air Èirisgeigh. 'S e Marilyn agus HuMP a th' ann. A rèir an "Database of British and Irish hills" rinneadh an t-ath-sgrùdadh mu dheireadh air àirde na beinne air 28 an Dàmhair 2001.[4] Tha an àirde rinneach de 152m a' sgaradh Ròineabhal bho na beanntan eile. Tha Ròineabhal na laighe ann an àite iomallach, mar sin chan eil slighe ann a leanas gu mullach na beinne.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Seirbhis Arc-eolas nan Eilean Siar: GORTAN, SOUTH UIST[dead link] (Beurla). Air a thogail 3s dhen Ògmhios 2016
- ↑ 2.0 2.1 “Canmore ID 10132” (Beurla). An Coimisean Rìoghail air Carraighean Àrsaidh is Eachdraidheil na h-Alba. Air a thogail 3s dhen Ògmhios 2016.
- ↑ 3.0 3.1 Hill Bagging Air a tharraing air 16 an Cèitean 2016 (Beurla)
- ↑ "Database of British and Irish Hills". Làrach-lìn. Retrieved 8 an Lùnastal 2014 (Beurla).
{{cite web}}
: Check date values in:|accessdate=
(help)
Dealbhan
[deasaich | deasaich an tùs]-
Mòine agus gneiss air Ròineabhal
-
Càrn faisg air Ròineabhal