Linn Ùr na Cloiche

O Uicipeid
Taigh nua-creagach ann an Skara Brae, Arcaibh

Mhair an linn ro-eachdraidheil seo, Nuadh Linn na Cloiche, bho c.4000-2000 RC.

Ann an Nuadh Linn na Cloiche bha sealgairean-tionail beò ann an àitean-còmhnaidh a bha aig a' chiad thuathanaich. Mus deigheadh aca air bàrr a chur, dh’fheumadh na tuathanaich an toiseach a' choille a leagail air pàirt dhen talamh. Thòisich iad a' cur gràn agus a' briodachadh chrodh agus chaoraich air an talamh a ghlan iad. Bhiodh iad cuideachd a' sealg agus ag iasgach.

An dèidh sin, nuair nach robh an còrr de chraobhan mòra air fhàgail airson togail leotha, thòisich iad a' dèanamh thogalaichean cloiche sìmplidh. Thàinig beathaichean eile mar eich, mucan agus gobhair a-steach bho thìr-mòr na Roinn Eòrpa.