Jump to content

Hairtebreac

O Uicipeid

Co-chomharran: 57°06′56″N 7°15′26″W / 57.115448°N 7.25716°W / 57.115448; -7.25716

Hairtebreac

Sealladh bho mhullach na beinne air Loch Marulaigh.
Àirde (m) 180
Àirde (tr) 591
Àirde rinneach (m) 68
Màthair-mhullaich Ròineabhal
Suidheachadh
Hairtebreac is located in Alba
Hairtebreac
Hairtebreac (Alba)
Suidheachadh Uibhist a Deas
Mapa cumadh-tìre OS Landranger (31)
OS Explorer (453S)
Comharradh-clèithe NF819150

'S e beinn anns na h-Eileanan Siar, Alba a th' ann an Hairtebreac.

Suidheachadh

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha e suidhichte ann an ceann a deas Uibhist a Deas. tha e na laighe tuath air Ròineabhal agus ear air a' bhaile Gleann Dail bho Dheas.

Tha Hairtebreac 180m (591 troigh) de dh'àirde.[1] A rèir an "Database of British and Irish hills" rinneadh an t-ath-sgrùdadh mu dheireadh air àirde na beinne air 28 an t-Sultain 2013.[2] Tha an àirde rinneach de 68m a' sgaradh Hairtebreac bho na beanntan eile agus 's e Ròineabhal a mhàthair-mhullaich. Chan eil air a mullach ach àite feurach le gneiss an siud is an seo, gun dad sònraichte a' comharrachadh a' phuing as àirde.[1] Tha Hairtebreac na laighe ann an àite iomallach, mar sin chan eil slighe ann a leanas gu mullach na beinne.

Tobhta faisg air Bàgh Hairtebhagh

San ear aig cois Hairtebreac chithear tobhtaichean baile timcheall air Bàgh Hairtebhagh a tha clàraichte leis a' Choimisean Rìoghail air Carraighean Àrsaidh is Eachdraidheil na h-Alba.[3] Bha naoi taighean dubha ann. Timcheall air a' bhaile bha mu 150 acair de fheannagan am-measg àitichean airson gearradh na mòine. Tha e coltach gun deach na ciad taighean a thogail timcheall air 1800.[3]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. 1.0 1.1 Hill Bagging Air a thogail 11 an t-Ògmhios 2016 (Beurla)
  2. "Database of British and Irish Hills". Làrach-lìn. Retrieved 8 an Lùnastal 2014 (Beurla). {{cite web}}: Check date values in: |accessdate= (help)
  3. 3.0 3.1 ⁊ An Coimisean Rìoghail air Carraighean Àrsaidh is Eachdraidheil na h-Alba“Canmore ID 126023: South Uist, Hairetabhagh(Beurla). An Coimisean Rìoghail air Carraighean Àrsaidh is Eachdraidheil na h-Alba. Air a thogail 11mh dhen Ògmhios 2016.

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]