Cruachan

O Uicipeid

Co-chomharran: 57°06′50″N 7°16′30″W / 57.113792°N 7.275119°W / 57.113792; -7.275119

Cruachan

Mullach na beinne
Àirde (m) 177
Àirde (tr) 581
Àirde rinneach (m) 58
Màthair-mhullaich Ròineabhal
Suidheachadh
Cruachan is located in Alba
Cruachan
Cruachan (Alba)
Suidheachadh Uibhist a Deas
Mapa cumadh-tìre OS Landranger (31)
OS Explorer (452N 453S)
Comharradh-clèithe NF808149

'S e beinn anns na h-Eileanan Siar, Alba a th' ann an Cruachan.

Suidheachadh[deasaich | deasaich an tùs]

Tha e suidhichte ann an ceann a deas Uibhist a Deas. Tha e na laighe ear air a' bhaile Gleann Dail bho Dheas. Tha a' bheinn Ròineabhal san ear-dheas agus Hairtebreac san ear. Sa deas chithear càrn aig cois na beinne a tha clàraichte le Seirbhis Arc-eolas nan Eilean Siar[1] agus leis a' Choimisean Rìoghail air Carraighean Àrsaidh is Eachdraidheil na h-Alba. [2] Tha a h-uile coltas ann gun deach a thogail ann an Linn Ùr na Cloiche.[2]

Tha Cruachan 177m (581 troigh) de dh'àirde.[3] A rèir an "Database of British and Irish hills" rinneadh an t-ath-sgrùdadh mu dheireadh air àirde na beinne air 20 am Faoilleach 2012.[4] Tha an àirde rinneach de 58m a' sgaradh Cruachan bho na beanntan eile agus 's e Ròineabhal a mhàthair-mhullaich. Chan eil air a mullach ach àite feurach le gneiss an siud is an seo, gun dad sònraichte a' comharrachadh a' phuing as àirde.[3] Bhon an seo gheibhear deagh shealladh air Èirisgeigh. Tha dà loch beag air sliabh an ear na beinne. Tha Cruachan na laighe ann an àite iomallach, mar sin chan eil slighe ann a leanas gu mullach na beinne.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Seirbhis Arc-eolas nan Eilean Siar: GORTAN, SOUTH UISTTeamplaid:Fix/category[dead link] (Beurla). Air a thogail 11a dhen Ògmhios 2016
  2. 2.0 2.1 Canmore ID 10132(Beurla). An Coimisean Rìoghail air Carraighean Àrsaidh is Eachdraidheil na h-Alba. Air a thogail 11mh dhen Ògmhios 2016.
  3. 3.0 3.1 Hill Bagging Air a thogail 11 an t-Ògmhios 2016 (Beurla)
  4. Database of British and Irish Hills”. Làrach-lìn. Air a thogail 8 an Lùnastal 2014 (Beurla).

Dealbhan[deasaich | deasaich an tùs]

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]