Prionnsalachd Waldeck-Prymont
Prionnsalachd Waldeck-Prymont Fürstentum Waldeck-Prymont | ||||||||
| ||||||||
Mapa | ||||||||
![]() | ||||||||
Fiosrachadh | ||||||||
Bliadhna Tòiseachaidh | 1712 | |||||||
Bliadhna mu Dheireadh | 1918 | |||||||
Prìomh-Bhaile | Arolsen | |||||||
Càna(i)n Oifigeil | Gearmailtis | |||||||
Farsaingeachd | 1,121 km2 | |||||||
Àireamh-shluaigh | 61,707 (1910) | |||||||
Dlùths | 55.05/km2 |
B’ e meanbh-dùthaich neo-eisimeileach ann an cridhe na Gearmailt a mhair bho 1712 gu ruige 1918 a bh’ ann am Prionnsalachd Waldeck-Prymont neo Prionnsalachd Waldeck (Gearmailtis: Fürstentum Waldeck-Prymont neo Fürstentum Waldeck).[1] B’ e Arolsen a bh’ ann prìomh-bhaile na dùthcha agus b' e an Teaghlach uasal Waldeck a bha os a cionn.[2] Chaidh a' Phrionnsalachd a chruthachadh ann an 1712 nuair a dh'àrdachadh an Diùc gu Prionnsa. Bha Waldeck na ball Co-chaidreachas na Rèine,[3] bho 1806 gu ruige 1815, an dèidh do Napoleon Bonaparte chur às do dh' Ìmpireachd Naomh na Ròimhe. Chuir Waldeck dìreach 400 saighdear gu feachdan a' cho-chaidreachais. Chaidh Prymont a sgaradh bho Waldeck fad ochd bliadhanaichean, bho 1807 gu ruige 1813. Mhair an stàit seo mar sgìre fad Ìmpireachd na Gearmailte (1871 – 1918). Thug Ar-a-mach na Gearmailt buaidh mhòr air Waldeck-Prymont agus leig am Prionnsa Freidrich dheth an crùn. Chaidh poblachd, a bhuineadh dhan Phoblachd Weimar fhèin, a stèidheachadh na h-àite.[4] B' e Arolsen a bh' annprìomh-bhaile na dùthcha.
Ceannardan[deasaich | deasaich an tùs]
- 1712 – 1728: Friedrich Anton Ulrich
- 1728 – 1763: Karl August Friedrich
- 1763 – 1812: Friedrich Karl August
- 1812 – 1813: Georg I. (1805 – 1812 na Phrionnsa Waldeck agus Pyrmont fa-leth)
- 1813 – 1845: Georg II. Heinrich
- 1845 – 1893: Georg Victor
- 1893 – 1918: Friedrich