Prionnsalachd Reuß-Schleiz
| Prionnsalachd Reuß-Schleiz Fürstentum Reuß-Schleiz | ||||||||
| ||||||||
| Mapa | ||||||||
| Fiosrachadh | ||||||||
| Bliadhna Tòiseachaidh | 1806 | |||||||
| Bliadhna mu Dheireadh | 1918 | |||||||
| Prìomh-Bhaile | Gera | |||||||
| Càna(i)n Oifigeil | Gearmailtis | |||||||
| Farsaingeachd | 827 km2 | |||||||
| Àireamh-shluaigh | 144,570 (1905) | |||||||
| Dlùths | 174.81/km2 | |||||||
B’ e meanbh-dhùthaich neo-eisimeileachd anns a’ Ghearmailt eadar 1806 agus 1918 a bh’ anns A' Phrionnsalachd Reuß-Schleiz (Gearmailtis: Fürstentum Reuß-Schleiz).[1] Chaidh a' Phrionnsalachd a chruthachadh ann an 1806 nuair a dh' atharraich Napoleon Bonaparte strucair phoileataigeach na Gearmailt an dèidh dha chur às do Ìmpireachd Naomh na Ròimhe. Bha Reuß-Greiz na ball Co-chaidreachas na Rèine eadar 1807 agus 1813.[2] Mhair an stàit seo mar sgìre fad Ìmpireachd na Gearmailte (1871 – 1918). B’ e Gera a bh’ ann prìomh-bhaile na dùthcha agus b' e an teaghlach uasal Reuß a bha os a cionn.[3] Chanadh cuid Reuß-Gera[4] rithe agus chaidh an t-ainm atharrachadh gu Reuß-Loidhne nas Òige ann an 1848. Thug Ar-a-mach na Gearmailt buaidh mhòr air Reuß-Schleiz agus leig am Prionnsa Heinrich XXVII dheth an crùn. Chaidh poblachd, a bhuineadh dhan Phoblachd Weimar fhèin, a stèidheachadh na h-àite.[5]