Pàrtaidh Sòisealach na h-Alba
Pàrtaidh Sòisealach na h-Alba | |
Fiosrachadh | |
Stèidheachadh | 1998 |
Beachd-Smuainealas An-Dràsda | Còirichean na Mnathan Feadaraileas Neo-eisimeileachad Poblachdas Sòisealtaa |
Oifisean | Suite 370, 93 Hope Street, Glaschu, G2 6LD Alba |
Cathraiche | Cailean Fox, Sandra Webster |
Suidheachain | Dùn Èideann: 0 Lunnainn: 0 15 Bruiseal: 0 |
Riaghaltas | Às an Riaghaltas |
Tha Pàrtaidh Sòisealach na h-Alba na phàrtaidh poileatagach ann an Alba. Tha PSA a' seasamh airson Alba neo-eisimeileach sòisealach a dhèanamh mar pàirt na shabaid air feadh an t-saoghal an aghaidh calpachais. Tha am pàrtaidh an sàs anns na h-iomairtean ionadail, nàiseanta agus eadar-nàiseanta an aghaidh gabhail-brath agus eu-ceartais.Tha freumhan aig Pàrtaidh Sòisealach na h-Alba air an taobh chlì den seann pàrtaidh Làboraich.
Chaidh am pàrtaidh a stèidheachadh mar toradh dhan cìs-ceanna a chuir an Riaghaltas aig Margaret Thatcher air Alba an 1988. Bha beachd làidir an Alba gun robh mi-cheartas anns an nos-cise seo, o chionn 's gu robh e a' cur eallach nas truime air daoine bochda na air daoine beartach. Chuir mòran daoine an aghaidh agus dhiùlt cuid am pàigheadh ('s a' chiad dol a-mach co-dhiù). Is ann a' Phollokshields an Glaschu a nochd an diùltadh as làidir, fo cheannard Tómas Sheridan a bha fada ri taobh chlì a' phartaidh Làboraich, choisinn e cliù air sgath a làidiread 's an stri shiud, a dh'adhbharaich 's na bliadhnaichean as deidh guth polataigeach (fo bratach a' phartaidh a stèidhich e) ri na daoine as na sgìrean bu mhìosail an Alba.
- Airson biadh an asgaidh beathachail airson a h-uile sgoilear ann an Alba.
- Airson a' cur às don ath-gabhalaichean.
- Airson cìs-sheirbheis - siostam eile cheart an àite ris a' chìs-chomhairle gun dèan na beartaich an cuid a phàigheadh.
- Airson taigheadas ciatach le gach. - Cuir an aghaidh reic thaighean-chomhairle.
- Sgur na prìobhaideachadh air seirbeisean-comanta.
- Lagha-drogaichean ath-leasachadh - geàrr a' cheangail leis na luchd-malairt - cainb-lus a dhèanamh laghail.
- Cuir an aghaidh gràin-chinnidh - tha fàilte air luchd-siubhal chomraich.
- Cuir an aghaidh cogaidh - Sgur a' chogaidh aig Blair is Bush.
- Dìlseachd le feadhainn a' strì airson ceartas air feadh an t-saoghal - an am Palestine, Colombia agus àiteachan eile air tuilleadh.
Airson nan taghaidhean 2016 tha AM PPA na phàirt RISE, caidreachas na làimhe chlì.
BPA PSA
[deasaich | deasaich an tùs]- Rosaidh Nì Chathàin Glaschu
- Cailean Fox Lodainn
- Frangag Nì Chorràin Alba an Iar
- Carolyn Leacaidh Alba Mheadhanach
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]