George W. Bush
Chaidh George W. Bush (rugadh 6 an t-Iuchar, 1946) a thaghadh mar ceann-suidhe nan Stàitean Aonaichte ann an 2000 agus bhuannaich e an dara thaghadh aige ann an 2004. 'S e Poblachdach a th' ann am Bush agus mus robh e na ceann-suidhe 's e Riaghladair Texas a bh' ann. S' ann bho Midland ann an Texas a bhuineas e agus tha tuathanas aige ann an Crawford faisg air Waco. 'S e ceann-suidhe a bh' ann an athair, George H. W. Bush, cuideachd a sheas eadar 1988 agus 1992.
Tha George Bush pòsta ri Laura agus tha dà nighean aca a tha nan caignich; Jenna agus Barbara. Chaidh a' bhreith ann an Connecticut agus a dh'fhoghlam mar oileanach aig Oilthigh Yale, oilthigh ainmeil aig a tha deagh-chliù. Gidheadh, cha do ghabh e deagh-chomharran.[1]
'S e pìleat a bh' ann aig àm Chogadh Bhiet-Nam ach cha do ghabh è pàirt ann. Ann an 1972, chuir feachd an adhair à rèim Bush oir nach do dh'fhreasgair e deuchainn riantanach.[2]
Anns an taghadh airson ceann-suidhe na Stàitean Aonaichte an 2000 bha tòrr trioblaid aca ann am Florida le no bhòtaichean agus cha robh mòran cinnteach co a bha air buannachadh agus cha deach aonadh a ruighean air co a bh' ann airson coir is mìos agus feum aig an Àrd Chùirt sùil a thoirt air cùisean agus taghadh co a bha air buannachadh. Thagh iad stad a chuir air na conntaidhean agus na ath-chunntaidhean agus dh'fhoillsich iad gur è Bush a bha air buaidh fhaighinn agus a bhiodh na Cheann-suidhe. Chaidh pìos mhòr den sluagh ann an Ameireaga an aghaidh an seo agus bha tòrr feargach mu dheidhinn.
Sheas Bush a-rithist anns an taghadh airson ceann-suidhe ann an 2004, le John Kerry an seanaiche bho Massachusetts a seasamh na aghaidh airson am Pàrtaidh Deamocratach agus bhuannaich è airson an dara àm .
An dèidh na ionnsaighean sgeimhleadh a thachair air an 11 den t-Sultain, ris an canar 9/11, dh'òrdaich Bush ionnsaigh air Afghanistan agus ann an 2003 Ioràc. Chaidh gach dùthaich a chuir fo cheannsail agus greim fhaighinn air prìomhaire na h-Ioràc, Saddam Hussein agus e a-nis air dheuchainn aig cùirt airson droch-gnìomhan aige nuair a bha è an cumhachd. Tha taghaidhean saor aca ann an Ioràc a-nis airson a chiad turas ach tha tòrr bhlàr is trioblaid a dol fhathast agus feagal ann gum toisich cogadh agus aramach san dùthaich.
Bha a' chuid mhòr den t-saoghal an aghaidh an cogadh ann an Ioràc agus iad a smaoineachadh gur è mearachd a bh' annta gus gun robh e cearr agus fiù olc a dhol a steach don dùthaich mar a chaidh. Tha feadhainn eile, gu h-àraidh luchd leanmhainn Bush, a smaoineachadh gu bheil na cogaidhean an Afghanistan agus Ioràc, mar pàirt den "War on Terrorism" a dh'fhoillsich Bush an dèidh 9/11, eiseal airson na Stàitean Aonaichte, agus an t-saoghal gu mòr, a chumail saor agus sàbhailte. 'S e aon de na rudan a tha Bush agus Aimeireaga a feuchainn ri dhèanamh le na cogaidhean deamocrasaidh a leasachadh anns na sgìrean, gu h-àraidh an Ear Mheadhanach.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ "Kerry Grades Near Bush's While at Yale". The New York Times. dhen Ògmhios 8, 2005. Archived from the original on 2009-05-06. Retrieved 2012-03-24.
- ↑ Rutenberg, Jim (May 17, 2004). Rutenberg, Jim (dhen Chèitean 17, 2004). "A Film to Polarize Along Party Lines". The New York Times. Archived from the original on 2013-01-30.
George Washington · John Adams · Thomas Jefferson · James Madison · James Monroe · John Quincy Adams · Andrew Jackson · Martin Van Buren · William Henry Harrison · John Tyler · James K. Polk · Zachary Taylor · Millard Fillmore · Franklin Pierce · James Buchanan · Abraham Lincoln · Andrew Johnson · Ulysses S. Grant · Rutherford B. Hayes · James A. Garfield · Chester A. Arthur · Grover Cleveland · Benjamin Harrison · Grover Cleveland · William McKinley · Theodore Roosevelt · William Howard Taft · Woodrow Wilson · Warren G. Harding · Calvin Coolidge · Herbert Hoover · Franklin D. Roosevelt · Harry S. Truman · Dwight D. Eisenhower · John F. Kennedy · Lyndon B. Johnson · Richard Nixon · Gerald Ford · Jimmy Carter · Ronald Reagan · George H. W. Bush · Bill Clinton · George W. Bush · Barack Obama · Donald Trump · Joe Biden |