Oidhche Shàmhach (òran)

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg

'S e aon de na h-òrain as ainmeile air feadh an t-saoghail aig àm na Nollaige a tha ann an Oidhche Shàmhach (Stille Nacht sa Ghearmailtis, Tawel Nos sa Chuimris). Chaidh an teacsa tùsail a sgrìobhadh leis an t-sagart Josef Mohr agus chuir an tìdsear Franz Gruber fonn air na rosgrannan.

An t-òran[deasaich | edit source]

Teacsa agus leadan a sgrìobh Franz Gruber

Sgrìobh Josef Mohr na facail anns a' bhliadhna 1816 anns a' bhaile bheag Mariapfarr, an Ostair. Ron Nollaig 1818 dh'fhaighnich e de Franz Gruber fonn a chur ris na facail. Rinn Gruber e agus sgrìobh e ceòl giotàr cuideachd. Chaidh an t-òran a sheinn airson a' chiad turas anns an aifreann meadhan oidhche anns an Eaglais Naomh Nicholas ann an Oberndorf, an Ostair.

Tha mòran sgeulachdan ann mun aifreann seo. Tha feadhainn ag ràdh gun robh am piàno anns an eaglais briste, canar feadhainn eile, gun do chòrd ri Mohr a bhith a' cluich a' ghiotàr. Ach tha e fìor gun robh Mohr agus Gruber a’ gabhail nan rannan mar òran-charaid, agus gun do sheinn iad an sèist còmhla ri còisir. Chluich Mohr an giotàr aig an aon àm. Chòrd an t-òran gu mòr ris an luchd-creidheimh.

Ach cha robh e ach gu 1833 nuair a bha Mauracher, neach-obrach piàno bhon Ziller Valley, a' gabhail an òrain ann an Leipzig còmhla ri luchd ciùil eile. Chòrd an t-òran seo ris an luchd èisteachd fìor mhath. Bhon uair sin chaidh an t-òran a sgaoileadh air feadh an t-saoghail.

'S e òran gu math iomraiteach a tha ann. Thachair gun do stad an t-sabaid san Chogadh Mòr aig oidhche na Nollaige 1914 (Chrismas truce) agus thòisich na saighdearan air an t-òran Oidhche Shàmhach a sheinn còmhla.

An-duigh tha e air a h-eadar-theangachadh gu còrr is 300 cànan agus dual-chainntean.[1]

Chaidh an teacsa tùsail air chaill, ach anns a' bhliadhna 1995 lorgadh leth-bhreac eile, sgrìobhte anns a' bhliadhna 1820 le Mohr fhèin.

Bha sia rosgrannan anns an òran tùsail[2] [3]

Seo an teasca as cùmanta
‘sa Ghearmailtis
Teacsa Ghàidhlig

Stille Nacht! Heilige Nacht!
Alles schläft; einsam wacht
Nur das traute hochheilige Paar.
Holder Knabe im lockigen Haar,
Schlaf in himmlischer Ruh!
Schlaf in himmlischer Ruh!

Oidhche shàmhach, oidhche naomh,
cadal ciùin tha air an t-saogh’l
Màiri is Ioseph ‘san stàbull fhuar
A' freasdal a’ phàisd tha àlainn ‘na shnuadh,
An sìth o nèamh ‘na shuain,
an sìth o nèamh ‘na shuain.

Stille Nacht! Heilige Nacht!
Hirten erst kundgemacht
Durch der Engel Halleluja.
Tönt es laut von Ferne und Nah:
Christ, der Retter ist da!
Christ, der Retter ist da!

Oidhche shàmhach, oidhche naomh,
B'e buachaill chunnaic fòs an t-soills
'S a chuala farsaing feadh na tìr
An t-sèisd bh’aig ceòl an aiglean binn:
Tha criosd, am Fear-saoraidh, ‘nur còir,
Tha criosd, am Fear-saoraidh, ‘nur còir.

Stille Nacht! Heilige Nacht!
Gottes Sohn! O wie lacht
Lieb aus deinem göttlichen Mund,
Da uns schlägt die rettende Stund,
Christ in deiner Geburt!
Christ in deiner Geburt!

Oidhche shàmhach, oidhche naomh,
Aon Mhac Dhé, cho maiseach leinn;
Tha gràdh a’ boillsgeadh oirnn bho d’ghnùis
'S tha uair nan gràs an dràsd dhuinn dlùth,
Shlànaighear, o’n rugadh tu,
Shlànaighear, o’n rugadh tu.

Josef Mohr[deasaich | edit source]

Stille Nacht Kapelle (Eaglais bheag Oidhche Shàmhach) ann an Oberndorf

Rugadh Joseph Franz Mohr air 11 latha den Dhùbhlachd 1792 ann an Salzburg, an Ostair. Dh'ionnsaich e sagartachd agus bhon bhliadhna 1815 bha e na shagart. An toiseach bha e ag obair ann an Ramsau faisg air Berchtesgaden, a' Ghearmailt agus an uair sin ann am Mariapfarr far an do sgrìobh e an dàn Stille Nacht (Oidhche shàmhach) le sia rannan. Anns a' bhliadhna 1817 ghluais e gu Oberndorf airson dà bhliadhna. 'S e seo far an do dh’fhaighnich e do Ghruber, fonn a chur ris na rannan.

As dèidh an dà bhliadhna ann an Oberndorf, dh'imrich Mohr bho àite gu àite eile, gus mu dheireadh thall (1837) dh'fhuirich e ann an Wagrain, an Ostair. Dh'fhosgail e sgoil ùr airson cloinne bochda agus chuir e siostam air bhonn airson cùram a ghabhail do sheann daoine. Aig 4mh latha den Dhubhlachd 1848 chaochail e mar duine bochd o chionn gun tug e an tuarasdal aige gu daoine a bha dhìth air. Chaidh a thìodhlacadh ann an Wagrain.

Thaghadh muinntir Wagrain ainm Mohr mar ainm na sgoile ann an Wagrain airson urram a thoirt air an sagart. Bhon bhliadhna 2006 tha taisbeanadh maireannach mu Mhohr ri fhaicinn anns an taigh-tasgaidh Wagrain.

Franz Gruber[deasaich | edit source]

Rugadh Franz Xaver Gruber 25mh latha den t-Samhainn 1787 ann an Unterweizberg, an Ostair. B' e tidsear a bha ann agus bha e ag obair anns an sgoil ann an Arnsdorf, trì cilemeatair air falbh bho Oberndorf. Aig an aon àm bha e na organaiche agus neach-stiùiridh na còisire anns an Eaglais Naomh Nicholas ann an Oberndorf. Chruthaich e binn airson an òran Oidhche shàmhach agus chuir e rèiteachadh giotàr ris.

Bliadhnaichean an dèidh seo dh'imrich e gu Hallein, far an do chaochail e air an 7mh latha den Iuchar 1863.

Ach cha robh sin an t-aonar òran a rinn e, sgrìobh e barrachd òrain-gàirdeachais a bhios air an seinn fhathast anns na h-eaglaisean air feadh na h-Ostaire an-diugh.

Oberndorf[deasaich | edit source]

Seann Oberndorf 1899, tha an Eaglais Naomh Nicholas ri faicinn air a' chulaibh

'S e baile beag anns an Ostair a tha ann an “Oberndorf bei Salzburg”. Tha e suidhichte air bruach abhainn Salzach. Tha am baile mu 17 cilemeatair san àird a tuath air Salzburg. Tha timcheall air 5000 duine a' fuireach anns a' bhaile fhèin.

Aig deireadh an 19mh linn bha am baile còmhdaichte le uisge às an abhainn, chaidh sgrios mòr air a dhèanamh ris a' bhaile. B' fheadar do mhuinntir a' bhaile an àite fhàgail agus baile ùr a thogail. Chaidh an Eaglais Naomh Nicholas a chur sìos ann an 1906. Ach bha na daoine ag iarradh àite eile air ais airson cuimhneachadh an òrain. Eadar 1924 agus 1937 thog iad eaglais bheag ris an canar Stille-Nacht-Kapelle (Eaglais bheag Oidhche Shàmhach).

An diugh bidh mòran luchd-turais a' tighinn don àite seo, gu h-àraidh aig àm na Nollaige. Gach bhliadhna air an 24mh latha den Dùbhlachd aig 5 uairean feasgar bidh an t-òran Oidhche Sàmhach ri cluinntinn anns an aifreann. 'S urrainnear coimhead air an aifreann seo air feadh an t-saoghail. [4]

Iomraidhean[deasaich | edit source]

  1. Silent Night Web: eadar-theangachadh gu 130 cànan
  2. Teacsa tùsail 'sa Ghearmailtis
  3. Teacsa tùsail 'sa Bheurla
  4. Silent Night Webcam (Salzburg)

Ceanglaichean a-muigh[deasaich | edit source]