Jump to content

Na Gàidheileamailtich

O Uicipeid

'S e prògram TV a tha sna Gàidheileamailtich (Beurla: The German-Gaels, Gearmailtis: Die Deutsch-Gälen[1]) a chaidh a chraoladh air BBC Alba ann an 2010 a' chiad turas mar phàirt dhen t-sreath Trusadh aig MacTV agus is ann mu na Gearmailtich a chaidh an tàladh a dh'Alba 's a dh'ionnsaigh na Gàidhlig a tha e.[2] A bharrachd air BBC Alba, chaidh a shealltainn aig fèis FilmAlba sa Ghearmailt cuideachd ann an 2011.[3]

Chaidh am prògram a rannsachadh leis an Dotair Dòmhnall Uilleam Stiùbhairt bho Oilthigh Dhùn Èideann 's e a' toirt sùil air carson a tha ceangal cho làidir eadar na Gearmailtich 's Alba o chionn fhada.[4] Tha esan dhen bheachd gu bheil ceangal ann eadar crìonadh cultar tradaiseanta na Gearmailte ri linn na thachair san Dàrna Chogadh Mhòr agus iad a' cur ùidh ann an cultar dhùthchannan eile a-mach o na 1960s.[5] Tha cuid dhe na daoine leis an deach agallamhan aig aontachadh ris a' bheachd aige, nach urrainn dhaibh a bhith pròiseil gur e Gearmailtich a th' annta gun eagal orra gum fàg càch orra gu bheil iad nan Nàsaich.[6]

Tha e ag innse gu bheil co-dhiù aon Ghearmailtich aig gach roinn Ghàidhlig aig na h-oilthighean ann an Alba gach bliadhna 's iad a' dèanamh obair ionmholta as leth cultar is cànan nan Gàidheal.[5] 'S ann aig Sabhal Mòr Ostaig a tha a' chuibhreann as motha dhiubh gach bliadhna 's na Gearmailtich a' dèanamh suas an roinn as motha am measg nan oileanach bho thall thairis. Bha triùir air cùrsaichean làn-tìde ann an 2011, triùir air cùrsaichean air astar agus 11 air cùrsaichean goirid.[6]

Na Gàidhealamailtich

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha am prògram a' toirt sùil air na daoine seo leanas:

  • Andreas Wolf, a tha à Berlin an Ear bho thùs 's na fhear-naidheachd aig BBCAlba a-nis, a' fuireach faisg air an Òban agus a' teagasg na Gàidhlig.[4] Bhuannaich e duais fear-naidheachd na Gàidhealtachd 's nan Eilean.[7]
  • Inga Bonk, tè leantainn mhòr Runrig[5]
  • Michael Klevenhaus, aig a bheil aonad chànan Ceilteach ann am Bonn, a tha a' teagasg Gàidhlig aig Oilthigh Bhonn agus a sgrìobh leabhar-teagaisg Gàidhlig sa Ghearmailtis 's aig a bheil pàirt chudromach gach bliadhna aig Ceòlas[4][7]
  • Michael Bauer, cànanaiche na Gàidhlig a tha a' fuireach ann an Glaschu far a bheil gnothachas eadar-theangachadh Gàidhlig aige 's a chiad duine a shuidh deuchainn na saorannachd Life in the UK sa Ghàidhlig a-riamh[5]
  • Mona NicLeòid, leth-Albannach 's bana-bhàrd Ghàidhlig
  • Rena Gertz, a tha fileanta sa Ghàidhlig a-nis 's a' leantainn Ceòlas gach bliadhna[5]
  1. Dokumentarfilme.net - Die Deutsch-Gälen[dead link]
  2. MacTV - Na Gàidheileamailtich
  3. https://web.archive.org/web/20120122143145/http://www.michaelklevenhaus.de/
  4. 4.0 4.1 4.2 MG Alba[dead link]
  5. 5.0 5.1 5.2 5.3 5.4 MG Alba - German Gaels
  6. 6.0 6.1 Gaelic culture enjoys an unlikely renaissance - among the Germans
  7. 7.0 7.1 http://hebridestoday.com/2010/09/germans-love-learning-gaelic-and-so-do-the-scots/[dead link]