Michael Klevenhaus
Michael Klevenhaus | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Bonn, 1961 |
Dùthaich | A' Ghearmailt |
Foghlam | |
Foghlam |
Oilthigh Bonn Cruinn-eòlas, eachdraidh Sabhal Mòr Ostaig 2008) |
Cànain |
Gàidhlig Beurla Gearmailtis |
Dreuchd | |
Dreuchd | actair, neach-teagaisg, seinneadair agus sgrìobhadair |
Fastaichean | Oilthigh Bonn (1998 - |
Duaisean a fhuaras |
liosta
|
Inneal-ciùil | guth |
'S e cleasaiche, neach-teagaisg, seinneadair is sgrìobhadair a th' ann am Michael Klevenhaus (no uaireannan Mìcheal Klevenhaus sa Ghàidhlig) a rugadh ann an 1961 ann am Bonn[1][2][3] agus ghabh e ùidh sa Ghàidhlig nuair a bha e glè òg.
'S e ceum ann an cruinn-eòlas agus eachdraidh a thug e a-mach aig Oilthigh Bhonn an toiseach ach thòisich e air dràma an uairsin leis a' Comedia Colonia agus companaidhean-dràma eile air feadh na Gearmailt. B' esan a' chiad Ghearmailteach a thug a-mach ceum maighstireachd ( MA Cultar dùthchasach agus an àrainneachd) aig Sabhal Mòr Ostaig ann an 2008 agus bha e an sàs saoghal is iomairtean na Gàidhlig gu mòr a-mach on àm sin, a' gabhail a-steach obair san t-sreath Eòrpa, Ionad na Gàidhlig a stèidhich e ann am Bonn ann an 2002, iomairt FILMALBA o 2003 agus a' chiad opara sa Ghàidhlig, Hiort - MacTalla nan Eun ann an 2007.[1] Cluinnear e gu math tric air Radio nan Gàidheal agus chithear e o àm gu àm air BBC Alba fhathast cuideachd, mar eisimpleir ann am prògram nan Gàidheileamailteach.[4]
Thòisich e air teagasg na Gàidhlig ann am Bonn còmhla ri Crìsdean Dillon, nach maireann, ann an 1998.Chuir e Ionad na Gàidhlig agus a Cultair sa' Ghearmailt air bhonn ann an 2002 far a bheil e fhèin a' teagasg Gàidhlig ann an clasaichean deireadh-seachdaineil agus clasaichean-oidhche. Ann an 2005 chaidh an sgoil-gheamhraidh Storas-Òran a chuir air bhonn, a tha a' tabhann clasaichean Gàidhlig, ciùil, cànain is dannsa thradaiseanta Ghàidhealach is Ghearmailteach.
Tha cùmhnant teagaisg aige ann an Roinn na Ceiltis, Oilthigh Bhonn far a bheil e a' teagasg Gàidhlig agus Eachdraidh cànan, litreachadh is cultar na Gàidhlig agus bidh e a' teagasg gu cunbhallach aig na cùrsaichean goirid aig Sabhal Mòr Ostaig.
Dh'fhoillsich e grunn leabhraichean, nam measg Kauderwelsch Schottisch-Gälisch ann an 2004 [2] , leabhair-iùil na Gàidhlig do luchd-turais agus Lehrbuch der Schottisch-gälischen Sprache ann an 2009 - a' chiad leabhar-teagaisg na Gàidhlig ann an Gearmailtis riamh.
Sgrìobh e sgeulachdan goirid sa' Ghàidhlig a chaidh fhoillseachadh ann an cruinneachaidhean sgeulachdan goirid fon iomairt Ùr-Sgeul.
Mar sheinneadair cluinnear gu cunbhalach e air an àrd-ùrlar sa' Ghearmailt.
Bhuannaich e an Duais Eadar-nàiseanta aig Duaisean Gàidhlig na h-Alba 2013 airson na h-obrach aige gus a' Ghàidhlig a chuir air adhart ann an co-theacsa eadar-nàiseanta.[5]
Faic cuideachd
[deasaich | deasaich an tùs]Ceanglaichean dhan taobh a-muigh
[deasaich | deasaich an tùs]Tùsan
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ 1.0 1.1 6 Tage Oper - Michael Klevenhaus
- ↑ 2.0 2.1 Klevenhaus, M. Schottish-Gälisch Wort für Wort (2004) REISE KNOW HOW Verlag Peter Rump GmbH ISBN 3-89416-352-6
- ↑ Klevenhaus, M. Lehrbuch der schottisch-gälischen Sprache (2009) Helmust Buske Verlag ISBN 978-3-87548-554-7
- ↑ MG Alba - German Gaels
- ↑ Duaisean Gàidhlig na h-Alba