Mullach Coire Mhic Fhearchair
Mullach Coire Mhic Fhearchair | |
---|---|
Mullach Coire Mhic Fhearchair tro Bhealach Odhar | |
Àirde (m) | 1,019 |
air liosta | Beinn Rothaich |
Suidheachadh | |
Suidheachadh | Achadh an Iasgair |
Mapa cumadh-tìre | Landranger 19 Explorer 435 |
Comharradh-clèithe | NH735053 |
'S e beinn ann an Achadh an Iasgair air a’ Ghàidhealtachd a th’ ann am Mullach Coire Mhic Fhearchair. Tha e suidhichte ann an àite glè iomallach eadar Dùn Dòmhnaill agus Loch Ma-ruibhe. Tha e 1019m de dh'àirde, agus 's e Beinn Rothaich a th' ann. 'S e clach-ghràin a tha a' dèanamh na beinne seo, agus chithear coltas geal na beinne gu soilleir air a' mhullach.
Mar as trice bithear ga streap bhon bhothan aig Seanbhail, far am bi a' mhòr-chuid de dhaoine a' cur seachad na h-oidhche roimhe agus às dèidh. Dh'fhaodadh toiseach an latha a bhith doirbh le faighinn thairis air an abhainn faisg air a' bhothan. Mar as trice bithear ga cheangal le Beinn a' Chlaidheimh agus Sgùrr Bàn. Dh'fhaodadh a ceangal le Beinn Tarsuinn no fiù 's leis na beanntan air taobh eile a' Ghlinne riutha, A' Mhaighdean agus Ruadh Stac Mòr, agus canar The Fisherfield Six ris a' chuairt fhada seo[1]. Dh'fhaodadh cuideachd dèanamh air a' bheinn seo bho Cheann Loch Iù.
Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air leth air Achadh an Iasgair, An Teallach, Slioch, Loch Ma Ruibhe agus Na Fanaichean.