Marabhal
Co-chomharran: 57°07′12″N 7°17′45″W / 57.120113°N 7.295872°W
Marabhal | |
---|---|
Mullach na beinne le sealladh air Èirisgeigh. | |
Àirde (m) | 162 |
Àirde (tr) | 531 |
Àirde rinneach (m) | 77 |
Màthair-mhullaich | Ròineabhal |
Suidheachadh | |
Suidheachadh | Uibhist a Deas |
Mapa cumadh-tìre | OS Landranger (31) OS Explorer (452N 453S) |
Comharradh-clèithe | NF796157 |
'S e beinn anns na h-Eileanan Siar, Alba a th' ann am Marabhal (Beurla: Maraval).
Suidheachadh
[deasaich | deasaich an tùs]Tha e suidhichte ann an ceann a deas Uibhist a Deas. Tha e na laighe mu leth-mhìle ear-thuath air Gleann Dail bho Dheas eadar an dà bheinn, Easabhal san iar agus Cruachan san ear. Tha Marabhal 162m (531 troigh) de dh'àirde.[1] A rèir an "Database of British and Irish hills" rinneadh an t-ath-sgrùdadh mu dheireadh air àirde na beinne air 28 an t-Sultain 2013.[2] Tha an àirde rinneach de 77m a' sgaradh Marabhal bho na beanntan eile agus 's e Ròineabhal a mhàthair-mhullaich. Chan eil air a mullach ach àite feurach le beagan gneiss an siud is an seo, le càrn a tha a' comharrachadh a' phuing as àirde.[1] Bhon an seo gheibhear deagh shealladh air Èirisgeigh. Tha Marabhal na laighe ann an àite iomallach, mar sin chan eil slighe ann a leanas gu mullach na beinne.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ 1.0 1.1 Hill Bagging Air a thogail 13 an t-Ògmhios 2016 (Beurla)
- ↑ "Database of British and Irish Hills". Làrach-lìn. Retrieved 8 an Lùnastal 2014 (Beurla).
{{cite web}}
: Check date values in:|accessdate=
(help)