Easabhal

O Uicipeid
Jump to navigation Jump to search

Co-chomharran: 57°07′11″N 7°19′56″W / 57.119751°N 7.332314°W / 57.119751; -7.332314

Easabhal
Pol a'Charra - geograph.org.uk - 15928.jpg
Sealladh bho Pholl a' Charra air Easabhal
Àirde (m) 243
Àirde (tr) 797
Àirde rinneach (m) 239
air liosta Marilyn, HuMP
Suidheachadh
Easabhal is located in Alba
Easabhal
Easabhal (Alba)
Suidheachadh Uibhist a Deas
Mapa cumadh-tìre OS Landranger (31)
OS Explorer (452N 453S)
Comharradh-clèithe NF773158

'S e beinn anns na h-Eileanan Siar, Alba a th' ann an Easabhal, no Easaval, no Èiseabhal (fuaimneachadh na sgìre).

Suidheachadh[deasaich | deasaich an tùs]

Tha Easabhal suidhichte ann an ceann a deas Uibhist a Deas. Tha e na laighe eadar Loch Baghasdail sa tuath, Geàrraidh an Mònadh san iar agus mu mhìle (1.5km) air falbh bho Ludag sa deas. Tha Gleann Dail bho Dheas san ear-dheas. Gheibhear deagh shealladh bho mhullach na beinne air Èirisgeigh.

Gu ìre mhòir chaidh a' bheinn a chruthachadh à gneiss a tha còmhdaichte gu ìre le mòine. Deas air a' bheinn tha dìg a' chùl-chinn ann mu 9.2 meatair air fad leis an ainm "Leac Shleamhuinn" a tha clàraichte leis a' Choimisean Rìoghail air Carraighean Àrsaidh is Eachdraidheil na h-Alba.[1] Iar air Easabhal chithear cuaraidh a tha air an liosta seo cuideachd.[2]

Tha Easabhal 243m (797 troigh) de dh'àirde.[3] A rèir an "Database of British and Irish hills" rinneadh an t-ath-sgrùdadh mu dheireadh air àirde na beinne air 28 an Dàmhair 2001.[4] Tha an àirde rinneach de 239m a' sgaradh Easabhal bho na beanntan eile. 'S e Marilyn agus HuMP a th' ann. Air mullach na beinne chithear càirn mòr a tha a' comharrachadh a' phuing as àirde.[3] Tha Easabhal na laighe ann an àite iomallach, mar sin chan eil slighe ann a leanas gu mullach na beinne.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Canmore ID 334804(Beurla). An Coimisean Rìoghail air Carraighean Àrsaidh is Eachdraidheil na h-Alba. Air a thogail 3s dhen Chèitean 2016.
  2. Canmore ID 338168(Beurla). An Coimisean Rìoghail air Carraighean Àrsaidh is Eachdraidheil na h-Alba.
  3. 3.0 3.1 Hill Bagging Air a thogail 16 an Cèitean 2016 (Beurla)
  4. Database of British and Irish Hills”. Làrach-lìn. Air a thogail 8 an Lùnastal 2014 (Beurla).

Dealbhan[deasaich | deasaich an tùs]

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]